Mario J. Molina
’S e ceimigear à Meagsago a th’ ann Mario José Molina neo Mario José Molina-Pasquel Henríquez (Meagsago 19 am Màrt 1943). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1995, còmhla ri Paul J. Crutzen agus F. Sherwood Rowland airson an obrach aca air an fhilleadh òson.[1] Rugadh e ann am Baile Mheagsago is bha e na sgoilear an sin agus anns an Eilbheis. Thill e gu Meagsago agus dh'ionnsaich e innleadaireachd cheimigeach. Rinn e dotaireachd aig Oilthigh California, Berkeley fo George Pimentel, far an do dh'obraich e air speactromachd leusair. Dh'imrich e a dh'Oilthigh California, Irvine, far an do dh'obraich e còmhla ri Sherwood Rowland is leasaich iad teòiridh mu clòrofluaracarbonan is am filleadh òson. Bha e an sàs ann an ceimigeachd an àile aig an JPL eadar 1982 is 1989, is aig MIT, far an do mhair e gu ruige 2005, nuair a thòisich e aig Oilthigh California San Diego.[2] Chaochail e ann an 2020.[3]
Mario J. Molina | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Mario José Molina Henríquez |
Breith | Meagsago, 19 dhen Mhàrt 1943 |
Dùthaich |
Meagsago Na Stàitean Aonaichte (1989 - |
Ciad chànan | Spàinntis |
Bàs | Meagsago, 7 dhen Dàmhair 2020 |
Nàdar a’ bhàis | (leòn peileir) |
Foghlam | |
Foghlam |
kindergarten (en) (1702 - : cleanliness (en) Oilthigh Freiburg (1965 - Oilthigh California, Berkeley (1968 - 1972) ceum dotaireachd : ceimigeachd fhiosaigeach |
Àrd-fhoghlam | ceum dotaireachd |
Stiùiriche an teusais | George C. Pimentel (en) |
Cànain |
Spàinntis Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | siùrsachd, einnseanair, neach-teagaisg oilthigh, international forum participant (en) agus ceimigear |
Com-pàirtiche
| |
Fastaichean |
Oilthigh California, Irvine (1973 - 1980) Jet Propulsion Laboratory (en) (1980 - 1989) Massachusetts Institute of Technology (1989 - 2005) Oilthigh California, San Diego (2005 - |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd |
Acadamh Pàpach nan Saidheansan Acadamh Nàiseanta nan Saidheans Acadamh Mheagsagach nan Saidheansan Colegio Nacional (en) Acadamh Nàiseanta an Leigheis |
Ceanglaichean a-mach
Iomraidhean
- “The Nobel Prize in Chemistry 1995”. Nobel Media AB. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2017.
- “Mario J. Molina - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 8mh dhen Ghiblean 2018.
- Hogue, Cheryl: “Chemistry Nobelist Mario Molina dies”, Chemical & Engineering News. 9mh dhen Dàmhair 2020. Air a thogail 12mh dhen Dàmhair 2020.