Madrid
'S e prìomh-bhaile na Spàinn a tha ann am Madrid (IPA: maˈðɾɪ(ð)). Canar Madrileños ri muinntir a' bhaile. Tha an rìgh Spàinnteach a' fuireach an seo cuideachd. Tha am baile suidhichte ann am meadhan na Spàinn air bruach Abhainn Manzanares. 'S e am baile as motha den dùthaich agus an ceithreamh baile as motha den Aonadh Eòrpach. Tha am baile cliùiteach airson na taighean-tasgaidh, m.e.: Taigh-tasgaidh "Prado", Taigh-tasgaidh "Thyssen-Bornemisza" ann an Villahermosa Palace agus "Museo Nacional Centro de Arte Reina Sofía" le dealbhan anns an nòs ùr. Tha Madrid aon-roinneil.
Cruinn-eòlas
Tha iadhtag ann, a bhuineas do Mhadrid, ann an ceann a tuath na roinne a-muigh Segovia. 'S e Dehesa de la Cepeda an t-ainm a tha air.[1] Tha e na àite fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadar an iadhtag sin agus an còrr dhen roinn. A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Madrid.[2] Cha tuit ach 421mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 752mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite àrd, tioram a th' annː
![](../I/Clima_Madrid-Retiro_(Espa%C3%B1a).PNG.webp)
Daoine Ainmeil
- Maslamah Ibn Ahmad al-Majriti: (10mh Linn).
- Alonso de Ercilla y Zúñiga (1553 - 1594)
- Pío Baroja: Sgrìobhadair.
- Jacinto Benavente: Sgrìobhadair.
- José Echegaray y Eizaguirre: Sgrìobhadair.
- Luís García Berlanga: (1921 – 2010) Riochdaire fiolmaichean.
- Leopoldo Calvo-Sotelo y Bustelo (1926 - 2008). Neach-poileataigs agus Innleadair.
- Ana Belén: (1951 -) Seinneadair.
- José María Aznar López: (1953 -) Prìomhaire ne Spàinne 1996 – 2004.
- Ángela Molina: (1955 -) Actair.
- Ramón Gómez de la Serna: (1888 – 1963) Sgrìobhadair.
- Pedro Duque Duque: (1963 -) Speuradair.
- Malú: (1982 -) Seinneadair.
Bailtean Co-cheangailte
Ann an Litreachas
Aistean co-cheangailte
Dealbhan
- Lùchairt Moncloa
- Stèisean Atocha
- Madrid ann an 1762
- A' Cheàrnag Mhòr
- Geata Alcalá
- An Lùchairt Rìoghail
- Geata na Roinn Eòrpa
- Gearradh-arm Mhadrid
- Bratach Baile Mhadrid
- Bratach Roinn Mhadrid
Iomraidhean
- ABC
- Aemet
- Stadt Berlin
- Annuaire de France
- Lisboa Câmara Municipal
- “España/Libia.- Gallardón destaca ante Gadafi los lazos "históricos y culturales" entre España y Libia”, Europa Press. 18mh dhen Dùbhlachd 2007. Air a thogail 31mh dhen Mhàrt 2024.
![](../I/Flag_of_Spain.svg.png.webp)
Andalusia •
Aragón •
Asturias •
Na h-Eileanan Balèarach •
Na h-Eileanan Canàrach •
Cantàbria •
Castilla-La Mancha •
Castilla y León •
Catalòinia •
Co-chomann València •
Dùthaich nam Basgach •
Extremadura •
A' Ghàilis •
Madrid •
Melilla •
Murcia •
Nafarroa •
La Rioja •
Ceuta