Machair

Tha am facal Gàidhlig machair a' ciallachadh fadhlainn ìseal thorrach air costa Èirinn no Alba agus gu sònraichte anns na h-Eileanan Siar. Tha dà sheòrsa machair ann:

  • Cluain no innis air dùn-gainmhich a tha tric ga àiteach agus nach tèid fodha ri linn droch shìde;
  • Talamh eadar tràigh agus mòinteach
Machair Bheàrnaraigh
Machair Bheàrnaraigh ann an Uibhist a Tuath

Tha machraichean de gach seòrsa nan seann tràighean a tha a-nis nas àirde na tràighean an latha an-diugh as dèidh do dh'ìre na mara tuiteam.

Tha luchd-eigeòlais agus glèidhteachais air tòrr rannsachaidh a dhèanamh air machraichean air sgàth nan siostaman sònraichte eigeòlach aca. Tha dìtheanan neo-àbhaisteach, leithid a' chailleach fhuar, agus eòin leithid ràcan-an-fheòir, beignein-baintighearna, gillean-feadaig agus gobhlain-mhara rim faighinn orra.

Tha bleith-talmhainn na cunnart do mhachraichean. Tha seo air adhbharachadh le èirigh na mara agus mar a thathar a' cleachdadh thràighean faisg air làimh mar ghoireas cur-seachad.

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.