Mérida

'S e baile meadhanach Spàinnteach a tha ann am Mérida (IPA: meɾiða, Estremeñu: Méria). Tha e suidhichte aig 217m os cionn ìre na mara, anns a' cheàrn Extremadura ann an àirde an iar na Spàinne. 'S e prìomh-bhaile Extremadura a th' anns a' bhaile fhèin. Chaidh a steidheachadh ann an 25 RC (ro Crìosd). Tha 58,164 duine a' fuireach ann.

Mérida
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Extremadura
Sgìre Badajoz
Co-chomharran 38° 54' 57 Tuath
06° 20' 00 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 865.6 km²
Àireamh-shluaigh 58,164 (2009)
Dlùths 67.2/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Mhérida

Freumhan an ainm

Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Emerita Augusta ann an Laideann a tha an t-ainm. B' e àite far a dheidheadh seann shaighdearan. Chaidh sin arabachadh gu ماردة (Maaridah).[1] Bheireadh sin Seann Saighdearan Augustus dhuinn sa Ghàidhlig.

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an riaghaltais, 's e an t-Iuchar am mìos as teotha agus 's e am Faoilleach am mìos as fhuaire ann am Mérida.[2] Cha thuit ach 486mm de dh'uisge air a' bhaile thairis air a' bhliadhna - 787mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[3] - leis gur e àite gu math tioram a th' ann.

Bailtean Co-cheangailte

  • Mérida
  • Mérida

Iomraidhean

  1. A Xunta
  2. Climate Data
  3. Oifis na Sìde

Ceanglaichean A-mach

Riaghaltas a' bhaile

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.