Màrtainn MacGilleMhàrtainn
Bha Màrtainn MacGilleMhàrtainn (Beurla: Martin Martin) (?–9 an Dàmhair 1718) 'na sgrìobhadair bhon Eilean Sgitheanach. Tha e ainmeil às an leabhar a rannsaich agus a sgrìobh e A Description of the Western Islands of Scotland (1703; dàrna eagran 1716), agus gu h-àraid às an chunntas a th' ann air na h-eileanan Hiort. Bha e air cuairt a thoirt do Hiort ann an 1697, agus cunntas fhoillseachadh air sin anns an leabhar A Late Voyage to St Kilda (1698).
Màrtainn MacGilleMhàrtainn | |
---|---|
Beatha | |
Breith | 1660 |
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba |
Bàs | 9 dhen Dàmhair 1718 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Dhùn Èideann Oilthigh Leiden |
Dreuchd | |
Dreuchd | taisgealaiche agus sgrìobhadair |
Bunaidh e do Bhealach faisg air Dùn Tuilm an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Cheumnaich e le MA bho Oilthigh Dhùn Éideann ann an 1681. Theagaisg e Dòmhnall a' Chogaidh eadar 1681 is 1686, is bha e na oide do Ruaraidh Òg MacLeòid às na Hearach ann an Dùn Èideann eadar 1686 is 1695. Chaidh e na oide gu treas mac Iarla Bhradford ann an Lunnainn ann an 1708 ris an do rinn e cuairt na h-Eadailte mus deach e do dh'Oilthigh Leiden agus cheumnaich e le MD ann an 1710 nuair a thill e a Lunnainn. Às déidh sin dh'fhuirich e ann an Lunnainn gus an do bhàsaich e "of an Asthma" ann an Knightsbridge air 9 an Dàmhair 1718.[1]
Ceanglaichean a-mach
- Description of the Western Isles (deasachadh 1703) (Google Books)
- Description of the Western Isles (deasachadh 1716) (Web Archive)
Iomraidhean
- Withers, Charles W. J. (1999): “Introduction”, A Description of the Western Islands of Scotland. Dùn Èideann: Birlinn, td. 1–12. ISBN 1841580201.