Màiri I, Bànrigh na h-Alba
Bha Màiri Stiùbhart na bhoireannach àilleasach, tarraingeach do dh'fhir agus, gu ìre, gu math geur-chùiseach. Ach fhuair i an driod-fhortan a bhith a' riaghladh ann an dùthaich far am faigheadh am fear a bu thapaidh tàire riaghlaidh, agus lean aimhreit is còmhstri i fad a làithean.
Cha robh i ach sia làithean a dh'aois nuair a chaochail a h-athair, Seumas V, le cridhe briste bhathas ag ràdh às dèidh iomruagadh nan Albannach aig Blàr Solway Moss. Cha robh i ach còig bliadhna a dh'aois nuair a chaill na h-Albannaich Blàr aibhiseach Pinkie an aghaidh Arm Shasainn, agus bha aice ri teicheadh dhan Fhraing far an deach a pòsadh ris an Dauphin, Francois; ach chaochail esan òg, na rìgh airson beagan còrr is bliadhna.
Ann an 1561 thill Màiri a dh'Alba, dùthaich a bha mun àm sin ga reubadh eadar Caitligich (an creud san do thogadh Màiri fhèin) agus Pròstanaich, le Iain Knox aig an ceann. 'S e suidheachadh a bha seo a bhiodh glè dhuilich do riaghladair sam bith. Ach bha cùisean na bu mhiosa builich do Mhàiri, a chionn 's gun robh Ealasaid I Shasainn a' sìor-chur bacadh oirre agus i gu math amharasach mun tagairt a bh' aig Màiri do chrùn Shasainn. Chuir i seachad oidhche mu dheireadh ann an Alba san Abaid ann an Dùn Droighnein.[1]
Màiri I, Bànrigh na h-Alba | |||||
---|---|---|---|---|---|
14 dhen Dùbhlachd 1542 - 24 dhen Iuchar 1567 ← Seumas V Alba - Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn →
10 dhen Iuchar 1559 - 5 dhen Dùbhlachd 1560 | |||||
Beatha | |||||
Breith | Gleann Iucha, 8 dhen Dùbhlachd 1542 | ||||
Dùthaich | Alba | ||||
Àite-fuirich |
Alba Caisteal Fotheringhay Caisteal Chartley Paris | ||||
Ciad chànan | A' Bheurla Ghallta | ||||
Bàs | Caisteal Fotheringhay, 8 dhen Ghearran 1587 | ||||
Àite-adhlacaidh |
Abaid Westminster Peterborough Cathedral (en) | ||||
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis (dì-cheannachadh) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Seumas V Alba | ||||
Màthair | Màiri Lorraine | ||||
Cèile |
Francis II na Frainge (24 dhen Ghiblean 1558, 24 dhen Ghiblean 1558 (Gregorian) - 1560) Eanraig Stiùbhairt, Morair Darnley (29 dhen Iuchar 1565 (Gregorian) - 1567) James Hepburn, 4mh Iarla Bhoth Chluaidh (1567, 15 dhen Chèitean 1567 (Gregorian) - 1578) | ||||
Clann |
liosta
| ||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||
Sinnsirean |
liosta
| ||||
Fine | Taigh nan Stiùbhartach | ||||
Foghlam | |||||
Cànain |
Beurla A' Bheurla Ghallta Fraingis Laideann | ||||
Luchd-teagaisg | Seòras Bochanan | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-poileataigs, flaitheach, uas-fhlath, bànrigh na còir fhèin agus bànrigh chèile | ||||
Obraichean comharraichte | Oxburgh Hangings (en) | ||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||
Creideamh | |||||
Creideamh | Caitligeachd | ||||
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
- Alba Aosmhor: Màiri Stiubhart Bànrigh na h-Alba (.pdf)
- “Prògram Choinnich”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2024. Dr Iain MacAonghuis a' bruidhinn air Màiri I (Gàidhlig)