Màili
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Màili,[1], ainm eile: Mailidh[2] , Màilidh[3] neo Maili;[4] ainm oifigeil: Poblachd Mhàili (Fraingis: République du Mali). Tha crìochan aice san ear le Nìgeir, sa tuath le Aildiria, san iar le Seanagal agus Moratainia, sa deas le Buircina Fhaso agus le Costa Ìbhri. Tha an Abhainn Niger agus an Abhainn Senegal ann an taobh a deas cuideachd. 'S e Bamako am prìomh-bhaile.
Eachdraidh
Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1222 nuair a bha Sundjata Keïta os cionn na h-impireachd.[5]
Ghabh Assimi Goïta grèim air smachd ann am Màili dà thuras, anns an Lùnastal 2020 agus a-rithist anns a' Chèitein 2021.[6]
Croitearachd Màiliach
Tha mìltean de chroitearan ann an Màili ach chan eil laghan croitearachd anns an tìr sin, agus tha naidheachd a' tighinn a mach às an duthaich[7] gu bheil riaghaltas Mhàili an diugh a' toirt gabhaltasan ri agra-calpanaich bho tìrean chèin.
Tha ùghdarras nàiseanta don b' ainm Office du Niger a' sealbhachadh mu deidhinn 1,200,000 heactair ri taobh Abhainn de Niger, ach anns an 80 bliadhna mu dheireadh cha chuireadh sgeamaichean uisgeachaidh an gnìomh a leasaich ach 80,000 heactair. Mar sin tha beò-shlàinte de na croitearan ri taobh na h-aibhne a' crochadh air na uisgeachan bliadhnail o gu h-àrd. Tha seo na cothrom leasachaidh do luchd-chalpa bho tìrean nas beairteach - Libia nan measg, agus tha an riaghaltas a' faicinn cothrom air airgead, ged a chosgas seo beatha nan croitearan.
Da rèir Abou Sow, Prìomh-Stiùiriche Office du Niger, chan eil comas aig an t-sluagh an talmhainn a leasachadh, agus tha a h-oifis air suas ri 240,000 heactair a thoirt seachad do chalpanaich. Tha aithrisean air nochdadh de shaighdearan a' cur ionnsaigh air cuid tuathanaich, agus do rèir Ibrahima Coulibaly, Taoiseach den Chomataidh Co-òrdanachaidh airson Eagar-bhuidhnean nan Tuathanaich agus Croitearan Màilianach "Bithidh an goirt a' toisich a dh'aithghearr".
Bailtean
Iomraidhean
- Am Faclair Beag
- Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- Dùthchannan aig SMO
- Finkelman and Miller, Macmillan Encyclopedia of World Slavery
- Melly, Paul: “Mali coup: Col Goïta seizes power - again”, BBC News. 27mh dhen Chèitean 2021. Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2021.
- "Fears over new scramble for Africa Neil MacFarquhar, Scotland on Sunday; 26 an Dùbhlachd 2010 ".
Ceanglaichean a-mach
- Duilleag oifigeil Riaghaltas Mhàili
- BBC Fiosrachadh - Màili
- CIA World Factbook - Màili
- Duilleag oifigeil turasachd Mhàili