Luinne Bheinn
’S e beinn ann an Cnòideart air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Luinne Bheinn. Tha e 939m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich iomallach a th’ ann. Tha e suidhichte eadar Loch Shubhairne, Loch Nibheis agus Linne Shlèite ri taobh Ladhar Bheinn air taobh eile Màm Barasdail. 'S e an dòigh as cumanta a bhith ga shreap bho mhullach Màm Barasdal air druim an iar-thuath, far a bheil ceum. Tha dà mhullach aige, agus 's e a' chiad fhear, mullach an iar, am mullach Rothaich. Gu tric bithear ga shreap còmhla ri Ladhar Bheinn neo Meall Buidhe [1].
Luinne Bheinn | |
---|---|
![]() Luinne Bheinn le Loch Nibheis air a chùlaibh | |
Àirde (m) | 939 |
Àirde (tr) | 3,080 |
air liosta | Munro |
Suidheachadh | |
![]() ![]() Luinne Bheinn (Alba) | |
Suidheachadh | Cnòideart |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33; Explorer 398E 413S |
Comharradh-clèithe | NG869008 |
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Linne Shlèite agus an Eilean Sgitheanach, Loch Shubhairne, Barasdal, beanntan Chnòideirt, Chinn Tàile agus fiù ’s Beinn Nibheis.
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.