Luanda
'S e Luanda[1] (seann ainm: Loanda) na phrìomh-bhaile Angòla. 'S e Luanda am baile as motha cuideachd a tha ann an Angòla. Anns a’ bhliadhna 2005 bha 2.776.125 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha e suidhiche air a’ Chuan Siar agus mar sin dheth tha am port-mara as motha den dùthaich an seo. 'S e seo an Co-chomharran aige: 8°50'18" Deas agus 13°14'4" Ear. Tha Luanda 751km air falbh bho Khinshasa (Poblachd Dheamocrach na Congo), 1,791km bho Lusaka (Saimbia), agus 1,581km bho Windhoek (Namibia).[2] Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig 6m os cionn ìre na mara.[3]
Luanda | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Luanda fhèin |
Co-chomharran | 08° 50 18' Deas 13° 14 04' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,067 km² |
Àireamh-shluaigh | 4,937,335 (2010) |
Dlùths | 2,388.65/km² |
Àireamh fòn | + |
Chaidh am baile mar São Paulo de Loanda a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1575 leis an rannsachair Paulo Dias de Novais às a' Phortagail. Chaidh an dùn Fortaleza São Pedro da Barra a thogail ann an 1618 agus bho 1627 b’e teas meadhan poileataigeach Angòla a bha ann an Luanda. Aig àm neo-eisimeileachd anns a' bhliadhna 1975 bha am baile gu math beartach le mòran togalaichean nuadh-aimsireil.
Tha dà phàirt anns a’ bhaile fhèin:
- baixa de luanda neo Luanda iosail, an seann bhaile le sràidean beaga agus togalaichean anns an stoidhle aig àm colonaidh.
- cidade alta, am baile ùr
Tha dà oilthigh ann:
- Catholic University of Angola, oilthigh prìobhaideach
- University of Agostinho Neto, oilthigh poblachd
Tha am port-adhair Quatro de Fevereiro Airport na laighe faisg air a’ bhaile.
Canar gur e am baile as daoire a tha ann air an t-saoghal.[4]
Bailtean Co-cheangailte
Ceanglaichean A-mach
Iomraidhean
- Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- Distance Calculator
- Mongabay
- www.bloomberg news
- Sister Cities International
- Lisboa Câmara Municipal
- Municípios de Portugal
- Municípios de Portugal
- Porto Câmara Municipal
- Sapo
- Geminação de cidades Brasileiras

Abuja •
Accra •
Addis Ababa •
Algiers •
Antananarivo •
Asmara •
Bamako •
Bangui •
Banjul •
Bissau •
Brazzaville •
Bujumbura •
Cairo •
Conakry •
Cotonou •
Djibouti •
Dakar •
Diuba •
Dodoma •
El Aaiún •
Freetown •
Gaborone •
Harare •
Kampala •
Khartoum •
Kigali •
Kinshasa •
Libreville •
Lilongwe •
Lomé •
Luanda •
Lusaka •
Malabo •
Maputo •
Maseru •
Mbabane •
Mogadishu •
Monrovia •
Moroni •
Nairobi •
N'Djamena •
Niamey •
Nouakchott •
Ouagadougou • •
Port Louis •
Porto Novo •
Praia •
Pretoria •
Rabat •
São Tomé •
Tripoli •
Tunis •
Victoria •
Windhoek •
Yamoussoukro •
Yaoundé