Loidig cho-cheanglachail
'S e comharradh loidigeach a tha ann an loidig cho-cheanglachail.
Leasaich Moses Schönfinkel agus Haskell Curry e san 1920an agus 1930an. Tha e cudromach ann am prògramadh agus co-cheangailte ri calcalas lambda. Le loidig cho-cheanglachail 's urrainn dhuinn foincseanan a sgrìobhadh gun caochladairean sgaoilte a-muigh.
Tha e a' toirt riaghailtean, eas-preiseain ath-sgrìobhadh le co-cheanglaichean:
- (I x) = x. (ionnannachd)
- ((K x) y) = x
- (S x y z) = (x z (y z))
Chleachd Curry siostam eile de cho-cheanglaichean:
- B x y z = x (y z). (co-dhèanamh)
- C x y z = x z y
- K x y = x
- W x y = y
Ann an cànanachas
Tha gràmar catagaraidheal co-cheanglachail a' cleachdadh nan co-cheanglaichean do gleusan cainnte nach urrainn do gràmar catagaraidheal clasaigeach.
Ann am prògramadh
- Dh'ainmicheadh an cànan prògramachaidh Haskell air Haskell Curry.
- Dh'ainmicheadh dèanamh Curry air Haskell Curry.
- Dh'ainmicheadh an companaidh calpa iomairte Y Combinator air a' cho-cheanglaiche Y.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.