Lodainn Mheadhanach (sgìre Phàrlamaid Westminster)
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Lodainn Mheadhanach (Beurla: Midlothian).
Lodainn Mheadhanach | |
---|---|
![]() | |
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Owen Thompson BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 70,544 |
Mòr-chuid | 5,705 |
Chaidh a cruthachadh ann an 1955 o phàirtean de Lodainn Mheadhanach agus Siorrachd nam Puballan. Bha William Gladstone na BhP airson Lodainn Mheadhanach nuair a bha i na Siorrachd Dhùn Èideann a-mach on borgh Dhùn Èideann agus bha diofar crìochan aice.
Tha Dail Chèith, Penicuik agus Bruach Easg anns an sgìre seo. Is ionann a crìochan agus crìochan na Chomairle Mheadhan Lodainn.[1] Tha i ann an crìch ri Lodainn an Ear, Dùn Èideann an Ear, Dùn Èideann a Deas, Dùn Èideann an Iar-Dheas, Siorrachd Bhearaig, Roxburgh agus Salcraig agus Siorrachd Dhùn Phrìs, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh.
Buill Pàrlamaid
- Owen Thompson (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2019–)[2]
- Danielle Rowley (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2017–2019)[2]
- Owen Thompson (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–2017)[2]
- David Hamilton (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2001–2015)
Iomraidhean
- Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)
- “Midlothian parliamentary constituency”. BBC. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2019.
Buill Pàrlamaid Westminster

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.