Loch an Tachdaidh
'S e loch beag ann an Alba a tha ann Loch an Tachdaidh. Tha e suidhichte anns a' ghleann eadar Beinn Beag agus Lurg Mòr air a' Ghaidhealtachd, dìreach san àird an iar-dheas air a' Ghead Loch.
![](../I/Loch_an_tachdaidh_and_the_massive_hulk_of_Aonach_Buidhe_from_near_Allt_Coire_a'Charra_-_geograph.org.uk_-_1653915.jpg.webp)
![Suidheachadh](../I/Scotland_location_map.svg.png.webp)
![Suidheachadh](../I/Green_pog.svg.png.webp)
Tha an loch mu 2/3 mìle (1 km) a dh'fhad agus tha an leud aige mu 1/3 mìle (530 m) aig an àite as leathainne. Tha Loch an Tachdaidh cho mòr ri 92 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri nas motha na 4 mhìle ceàrnagach (6,5 km²). 'S e 62 troigh (19 m) an domhainneachd aige aig an àite as doimhne.[1]
Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach à Loch an Tachdaidh don Ghead Loch. Tha uisge na Lochan Gobhlach agus Loch Calavie a' sruthadh a-steach do Loch an Tachdaidh. 'S e "Gedd Lochs" (Lochan Gedd) an t-ainm a th' air na Lochan Gobhlach, Loch an Tachdaidh agus an Gead Loch.[1]
Tha Loch an Tachdaidh co-cheangailte ri Lochan Ghleann Srath Farair.
'S e dìreach càrn a th' anns an eilean san ear-thuath, agus tha ceithir eileanan eile gun ainm ann an Loch an Tachdaidh.
Iomraidhean
- Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td 344-345, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Ceanglaichean a-mach
- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910)
- geograph - dealbh an locha
Dealbhan
- Loch an Tachdaidh
![](../I/Flag_of_Scotland.svg.png.webp)
Loch Calavie • Loch an Tachdaidh • An Gead Loch • Loch Monar • Loch a' Mhuillidh • Loch Beannacharan