Loch a' Bhàna
'S e loch beag ann an Alba a tha ann an Loch a' Bhàna (ainmean eile: Loch a' Bhana, Loch Ath a' Bhàn).[1] Tha e suidhichte air a' Ghàidhealtachd ann an Gleann Canaich. Tha e na laighe ear air Loch Mullardoch air cùlaibh an dama Loch Mullardoch. Tha Loch a' Bhàna mu 0.8 mìle (1.3 km) a dh'fhad agus tha e cho mòr ri 14.1 acair (5.7 ha).[2] Tha uisge an locha a' sruthadh a-mach chun an ear don Loch Sealbhanach. Tha breac-donn a' fuireach ann an lochan Ghleann Canaich.[3]
![](../I/Loch_a'_Bhana_-_geograph.org.uk_-_212856.jpg.webp)
Loch a' Bhàna
![Suidheachadh](../I/Scotland_location_map.svg.png.webp)
![Suidheachadh](../I/Green_pog.svg.png.webp)
Loch a' Bhàna
Suidheachadh Loch a' Bhàna air a' Ghàidhealtachd
Iomraidhean
- Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td. 342, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- British Lakes
- Sandison, Bruce (2013) "Rivers and Lochs of Scotland. The Angler's Complete Guide 2013/14". Black and White Publishing. ISBN 1845027116
Lochan ann an Gleann Canaich
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.