Loch Mullardoch
'S e loch tasgaidh stèision dealan-uisge ann an Alba a tha ann an Loch Mullardoch (ainm eile: Loch Moyley)[1]. Tha e suidhichte ann an Gleann Canaich air a' Ghàidhealtachd.
![](../I/Loch_Mullardoch_reservoir_-_geograph.org.uk_-_952798.jpg.webp)
![](../I/Scotland_location_map.svg.png.webp)
![](../I/Green_pog.svg.png.webp)
A rèir suirbhidh a rinneadh ann an 1903 bha an loch mu 4 mìle (6 km) a dh'fhad agus bha an leud aige leth-mhìle (800 m) aig an àite as leathainne. [2] Chaidh dama a thogail ann an 1951 aig ceann an ear. Bha lochan eile air an robh na h-ainmean Loch Lungard, Loch Frith an Acha' agus Lochan na Cloiche suidhichte aig ceann an iar Loch Mullardoch. Bhon àm nuair a chaidh an dama a thogail tha iad nam pàirt den loch tasgaidh gu lèir.[3] An-diugh tha Loch Mullardoch mu 10 mìle (16 km) a dh'fhad.[4] Tha uisge Loch Mullardoch a' sruthadh tro thunail do Loch Beinn a' Mheadhoin airson dealain-uisge a chruthachadh.[3]
Iomraidhean
- Gazetteer for Scotland "River Cannich"
- Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td 342, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- Dama agus stèisein dealan-uisge Loch Mullardoch
- British LakesTeamplaid:Fix/category
Ceanglaichean a-mach
- Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910). Seann mhapa an locha
- Gazetteer for Scotland Fios agus mapaichean(Beurla)
- Gleann Canaich Fios agus dealbhan (Beurla)
Dealbhan
- Loch Mullardoch
- Dama Loch Mullardoch
- Loch Mullardoch