Loch Meadal

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Meadal[1][2], litreachadh eile: Loch Maodail[1] neo Loch Meodal[2]. Tha e suidhichte ann an Gleann Meadal ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach. Tha an rathad chun an an Òird a' dol seachad air. Tha Cnoc a' Chaise Mòire (171 m) san àird a deas agus an Cruachan (248 m) san àird a tuath dheth. San ear tha Lochan Doiragat ann.

Sealladh air Loch Meadal

Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Meadal
Suidheachadh Loch Meadal anns an Eilean Sgitheanach

Tha Loch Meadal cho mòr ri 10.4 acair. 'S e 0.8 km (0.5 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 298 m a dh'fhad san àite as dìriche.[2] Tha dà eilean beag anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 117 m (384 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 2.5 km (1.6 mìle) air falbh bhon mhuir. Thèid an loch a lìonadh bhon iar le Allt Mhàrtuinn agus bhon thuath le Allt Loch a' Chorra. Sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Meadal gu deas tro Allt Leth-shithein.

Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach Loch Meadal.

Iomraidhean

  1. Ainmean-àite aig Comunn Eachdraidh Shlèite
  2. Fiosrachadh aig British LakesTeamplaid:Fix/category

Ceanglaichean a-mach

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG657111
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.