Loch Calavie
'S e loch beag ann an Alba a tha ann an Loch Calavie. Tha e suidhichte anns a' ghleann eadar Lurg Mhòr, Bidean a' Choire Sheasgaich agus Beinn Dronaig air a' Ghàidhealtachd. Tha e san àird an deas air Loch Monar agus mu 3 mìle san àird an iar air Loch an Tachdaidh.
![](../I/Allt_Coire_Calavie_-_geograph.org.uk_-_260176.jpg.webp)
![Suidheachadh](../I/Scotland_location_map.svg.png.webp)
![Suidheachadh](../I/Green_pog.svg.png.webp)
Tha an loch mu mhìle (1,6 km) a dh'fhad agus tha an leud aige mu 1/3 mìle (540 m) aig an àite as leathainne. Tha Loch Calavie cho mòr ri 167 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri 2 1/2 mhìle ceàrnagach (6,5 km²). 'S e 84 troigh (25,60 m) an domhainneachd aige aig an àite as doimhne.[1]
Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach à Loch Calavie do Loch an Tachdaidh. Tha Loch an Tachdaidh co-cheangailte ri Lochan Ghleann Srath Farair.
Iomraidhean
- Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td 344, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Ceanglaichean a-mach
- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910)
- Gazetteer for Scotland
Dealbhan
- Loch Calavie
![](../I/Flag_of_Scotland.svg.png.webp)
Loch Calavie • Loch an Tachdaidh • An Gead Loch • Loch Monar • Loch a' Mhuillidh • Loch Beannacharan