Lluís Llach i Grande
‘S e seinneadair, sgrìobhadair, ceòladair agus sgrìobhadair ciùil à Catalòinia a th' ann an Lluís Llach i Grande (IPA: ʎuˈiz ˈʎak, Girona, 7 an Cèitean 1948). Bha e na bhall a’ chòmhlain-chiùil Els Setze Jutges (Sia Britheamhan Deug)[1] agus thathar dhen bheachd gur e fear-leasachaidh an Nova Cançó (Òran Ùr) a th' ann. Mar cheòladair poileataigeach, tha e air a bhith an sàs ann an saoghail a’ chiùil agus anns na h-iomairtean phoileateagach fad trì ginealach co-dhiù.
Lluís Llach i Grande | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||
26 dhen Dàmhair 2015 - 28 dhen Dàmhair 2017 Sgìre: Girona (en) ![]() Taghadh: 2015 Catalan regional election (en) ![]()
8 dhen Mhàrt 2016 - 19 dhen Iuchar 2016 ← Muriel Casals i Couturier - no value →
24 dhen Dàmhair 2018 - 1 dhen Lùnastal 2019 | |||||||
Beatha | |||||||
Ainm slàn | Lluís Llach i Grande | ||||||
Breith | Girona, 7 dhen Chèitean 1948 | ||||||
Dùthaich |
![]() | ||||||
Àite-fuirich |
Parlavà (en) ![]() Porrera (en) ![]() | ||||||
Ciad chànan |
Spàinntis Catalanais | ||||||
Foghlam | |||||||
Cànain |
Catalanais Fraingis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd |
cluicheadair ball-coise nan comann, sgrìobhadair, neach-poileataigs, saothraiche chlàran, neach-iomairt poileataigeach agus recording artist (en) ![]() | ||||||
Com-pàirtiche
| |||||||
Àitichean-obrach | Malabhaidh | ||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
| ||||||
Ballrachd |
Advisory Council for the promotion of a Civic and Social Forum for the Constituent Debate (en) ![]() Council for the Republic (en) ![]() Els Setze Jutges (en) ![]() Consell de Govern (Consell per la República) (en) ![]() | ||||||
Gnè ealain |
protest song (en) ![]() | ||||||
Inneal-ciùil |
piàno giotàr | ||||||
IMDb | nm0515617 | ||||||
lluisllach.cat |
Beatha
‘S e mac Josep María Llach, lighiche agus tuathanach, agus María Grande, tìdsear a th' ann. Rugadh e ann an Girona ach thogadh e ann am Verges, baile beag eadar Barcelona agus Figueres. Dh’ionnsaich e fhèin agus a Bhràthair Josep María ris a’ ghiotàr a chluiche, nuair bha an dithis aca gu math òg. Tha piàna san taigh cuideachd. Fhuair e beachdan an làimhe chlì on ghlùin.
Fhuair e droch làimhseachaidh bhon dheachdaire Franco, agus b’fheudar dha a theiche thall thairis gu Paris anns na 70an. ‘S e a' chiad seinneadair ain-opàra a ghabh òrain san Taigh-cluiche Gran Teatre del Liceu a bh’ann Llach, is e a’ seinn Somniem (Nar cadal), san Shultain 1979. Bha 103,000 duine an làthair aig consart a rinn e sa phàirc Ball-coise Nou Camp, am Barcelona, air an siathamh latha dhen Iuchar 1985,[2] an cuirm-chiùil na bu mhotha a bha a-riamh san Roinn-Eòrpa.
Chlàraich Llach 33 clàran eadar 1969 agus 2007. Chleachdadh an t-òran na b' ainmeile agus na bu chonnspaidiche a rinn e a-riamh, L'estaca (An Cabar, 1968), leis an Aonadh-ciùird Solidarność (air a stèidheachadh le Lech Wałęsa) agus an sgioba rugbaidh Unió Esportiva Arlequins de Perpinyà. A thuilleadh air sin, ‘s e òran ar-a-mach ann an Tuinisia sa bhliadhna 2011 a bh' ann cuideachd.[3]
Ann an 2011 chuir e an Stòras Lluís Llach air dòigh, thall ann an Seanagal.[4] Bha an leabhar a sgrìobh e ann an 2012 Memòria d'uns ulls pintats (Cuimhne nan sùilean dathte) uabhasach soirbheachail. A bharrachd sin, bha e an sàs ann an stèidheachadh Assemblea Nacional Catalana (Co-chruinneachadh Nàiseanta Chatalòinia).
Òrain Cudromach
- L'Estaca (An Cabar, 1968). Iomairtean nan daoine an aghaidh na deachdaireachd.
- I si canto trist ('S ma sheinneas mi fo bhròn, 1974). Marbhrann do Shalvador Puig i Antich, ìobairteach na deachdaireachd.
- Viatge a Itaca (Turas gu Itaca, 1976). Bhon bhàrd Konstantinos Pétrou Kavafis.
- País Petit (Dùthaich Bheag, 1980). Gaol dùthcha.