Lios Tuathail

'S e baile margaidh ann an ceann a tuath Contae Chiarraí, Cúige Mumhan, Èirinn a th' ann an Lios Tuathail (Beurla: Listowel).[1] Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne na Féile,[2] 91km air falbh bho Chorcaigh, 96km bho Ghaillimh, 63km bho Luimneach agus 238km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 4,338 duine a’ fuireach anns a' bhaile fhèin agus 22,668 sa sgìre uile gu lèir.[4]

Lios Tuathail
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Ceàrn Cúige Mumhan
Sgìre Contae Chiarraí
Co-chomharran 52° 27 00' Tuath
09° 29 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 33 km²
Àireamh-shluaigh 4,338 (2006)
Dlùths 131.45/km²
Àireamh fòn + 353 68
Duilleag oifigeil Comhairle Lios Tuathail

Eachdraidh

Chaidh Lios Tuathail a chlàradh airson a’ chiad turas sa bhliadhna 1303 is an caisteal aige fo bhuaidh teaghlaich Normanach air an robh Mac Mhuiris.[5] Chuairtich na Sasannaich an caisteal fad 28 làithean ann an 1600. [6] Chaidh luchd-dìonta a’ chaisteil a chur gu bàs an dèidh làimhe, fo òrdughan Charles Wilmot, ceannard nan Gall. Thug ar-a-mach nam poileas àite an seo san Ògmhios 1920, ri linn Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Èireann (Gaeilge Cogadh na Saoirse).[7]

Daoine Ainmeil

Sloinnidhean cumanta ann an Lios Tuathail

Seo liosta nan sloinneadh na bu chumanta sa bhaile is sa sgìre bho Chunntas-sluaigh na h-Èireann 1901 agus 1911:[8]

Ó Conchobhair, Ó Ciardha, Staic, Ó Murchadha, Ó hInnreachtaigh, Ó Duilleáin, Ó Súilleabháin, Ó Cinnaolaidh, Ó Catháin, Ó Buachalla, Mac Uileagóid, Mac Gearailt, Ó Cearmada, Ó Cróinín, Mac Grífín, Ó Conaill, Breathnach, Mac Cárthaigh, Ó Liatháin, Ó Síthigh, Ó Nualláin, De Barra, Ó Coileáin, Mac Mhuiris, Ó Dubhghaill, Ó Maoldomhnaigh, Ó hÉalaighthe, Ó Ceallaigh, Ó Gealbháin, Ó Loingsigh, MacMathúna, Ó Mordha, Ó Maoilmhichil, De Brun, Ó Dálaigh, Ó h-Airtnéada, Ó hAodha, Ó Móráin, Seoigh, Ó Briain, Mac Seóin, Ó Laochdha, Baróidigh, Ó Cearbhaill, Ó Flaithbertaigh, Ó Foghlú, De Grainbhil, Ó Ciarba, Ó Muircheartaigh, Ó Scannláin.

Bailtean co-cheangailte

A thuilleadh air sin, 's ann à Lios Tuathail an Èirinn a fhuair Listowel (Ontario, Canada) ainm.

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Logainm
  2. Salmon Ireland
  3. Global Feed
  4. CSOI
  5. Library Ireland
  6. Siege Mines and Underground Warfare, Kenneth Wiggins, Shire Publications, 2003, ISBN 0 7478 0547 4
  7. Police History
  8. An Chartlann Náisiúnta
  9. SVCN
  10. City of Shawnee.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.