La Estrella

'S e baile meadhanach anns a' Ghleann Aburrá ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a tha ann an La Estrella. Tha e dìreach ri taobh Medellín (16km), prìomh-bhaile na roinne. Tha e suidhichte aig 1,775m os cionn ìre na mara. ' S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann La Estrella agus tha teodhachd mheadhanach dhe 20˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1685.[3]

La Estrella
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá)
Àirde 1775m
Co-chomharran 6° 09' Tuath
75° 38' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 35 km²
Àireamh-shluaigh 52,563 (2005)
Dlùths 1,501.8/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas La Estrella

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 52,563 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 23,751 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am La Estrella, agus tha 2.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 94.2% dhe na daoine ann an La Estrella leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 92.2% dhe na dachannan.[6]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am La Estrella. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an La Estrella

Iomraidhean

  1. Mapa oifigeil na roinneTeamplaid:Fix/category
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fiosrachadh a' Chomhairle
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.