LCDT

'S e geàrr-ainm a th' ann an LCDT a tha a' toirt iomradh air na faclan Leasbach, Co-sheòrsach, Dà-sheòrsach agus Tar-ghnèitheach.

Co-sheòrsach

Mar a trice bidh daoine a' cur am facal co-sheòrsach ri fir aig a bheil miann air luchd na gnè ceudna. Ach tha co-sheòrsach a' toirt iomradh air a' choimhearsnachd LCDT air fad. 'S mar sin tha co-sheòrsach nas coltaiche ri Gay anns a' Bheurla a bhios a' toirt a-steach leasbaich, dà-ghnèithich agus tar-ghnèithich.

Leasbach

Tha am facal Leasbach a' toirt iomradh air boireannaich co-sheòrsach neo boireannaich aig a bheil miann air boireannaich eile. Tha leasbach a' ciallachadh Lesbian anns a' Bheurla.

Dà-sheòrsach

Tha am facal Dà-sheòrsach a' toirt iomradh air cuideigin aig a bheil miann air boireannaich agus fir. Dh'fhaodadh miann nas làidire a bhith aca ri aon taobh neo ris an taobh eile ach feumaidh miann a bhith aca ris an dithis. Tha Dà-sheòrsach a' ciallachadh Bisexual anns a' Bheurla.

Tar-ghnèitheach

Tha am facal Tar-ghnèitheach a' toirt iomradh air cuideigin a tha air an gnè aca atharrachadh. Mar eisimpleir cuideigin a bha boireann nuair a rugadh iad ach a tha a-nis fireann. Tha Tar-ghnèitheach a' ciallachadh Transgender anns a' Bheurla.

Luchd-iomairt

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.