Kinshasa
'S e prìomh-bhaile Poblachd Dheamocrach na Congo a tha ann an Kinshasa[1] (seann àinm Léopoldville). Anns a’ bhliadhna 2004 bha barrachd na 7 millean duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin agus mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha e suidhichte taobh a deas air bruach an Abhainn Congo, mu choinneamh Brazzaville, prìomh-bhaile Poblachd na Congo a tha suidichte air taobh tuath na h-aibhne. Tha Kinshasa 1,558km air falbh bho Bhujumbura (Burundi), 1,978km bho Khampala (Uganda), 8km bho Brazzaville (A' Chongo), 1,033km bho Bangui (Poblachd Meadhan Afraga), 2,078km bho Dhiuba (Sudan-a-Deas), 1,879km bho Lusaka (Saimbia), 2,268km bho Dhodoma (Tansainìa) agus 751km bho Luanda (Angola).[2] Tha e suidhichte air àirde an iar na dùthcha, aig 212m os cionn ìre na mara.[3]
Ville de Kinshasa
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Poblachd Dheamocrach na Congo | ||||
Ceàrn | Kinshasa | ||||
Co-chomharran | 4° 16' Deas 15° 17' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 9,965 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 7,017,000 (2004) | ||||
Dlùths | 704.16/km² | ||||
Duilleag oifigeil | www.kinshasa.cd |
Chaidh am baile a stèideachadh mar àite–malairt le Henry Morton Stanley anns a’ bhliadhna 1881. Chuireadh Léopoldville mar ainm air a’ bhaile airson urram a thoirt air an rìgh Léopold II às a' Bheilg. 'S e an treasamh baile as motha ann an Afraga, an dèidh Lagos agus Cairo. Agus 's e cuideachd an dàrna baile as motha air an t-saoghal (an dèidh Paris fhèin) far a bhios Fraingis ga bruidhinn. 'S e teas meadhan oideachail a tha ann an Kinshasa. Tha ceithir oilthighean ann:
- University of Kinshasa
- Congo Protestant University
- National Pedagogy University
- Allhadeff School
Tha dà phort-adhair aig Kinshasa:
- Kinshasa International Airport le pleanaichen a' dol gus A' Bhruiseal, Paris, and Madrid agus dùthchannan eile ann an Afraga
- N'Dolo Airport.
Bailtean Co-cheangailte
Dealbhan
- Boulevard du 30 Juin, meadhan Khinshasa.
- La Gombe (Kinshasa)
- Oilthigh Kinshasa
- Boulevard Lumumba ann am Masina.
Ceanglaichean A-mach
Iomraidhean
- Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- Distance Calculator
- Mongabay
![](../I/%C3%81frica.svg.png.webp)
Abuja •
Accra •
Addis Ababa •
Algiers •
Antananarivo •
Asmara •
Bamako •
Bangui •
Banjul •
Bissau •
Brazzaville •
Bujumbura •
Cairo •
Conakry •
Cotonou •
Djibouti •
Dakar •
Diuba •
Dodoma •
El Aaiún •
Freetown •
Gaborone •
Harare •
Kampala •
Khartoum •
Kigali •
Kinshasa •
Libreville •
Lilongwe •
Lomé •
Luanda •
Lusaka •
Malabo •
Maputo •
Maseru •
Mbabane •
Mogadishu •
Monrovia •
Moroni •
Nairobi •
N'Djamena •
Niamey •
Nouakchott •
Ouagadougou • •
Port Louis •
Porto Novo •
Praia •
Pretoria •
Rabat •
São Tomé •
Tripoli •
Tunis •
Victoria •
Windhoek •
Yamoussoukro •
Yaoundé