Khartoum

'S e prìomh-bhaile Sudàn a tha ann an Cartúm, Arabais: الخرطوم al-Kharṭūm. (a' ciallachadh: com an oilbheint). Tha e suidhichte far a bheil an Abhainn White Nile agus an Abhainn Blue Nile a tha a’ tighinn an aon mar Abhainn Nile. Canar "the Mogran" ris an àite seo. Tha Khartoum 1,196km air falbh bho Dhiuba (Sudan a Deas), 1,613km bho Chairo (An Èipheit), 686km bho Asmara (Eartra), 2,738km bho Tripoli (Libia), 1,926km bho N'Djamena (An t-Siad), 989km bho Addis Ababa (An Aetiòp) agus 1,970km bho Bhamako (Poblachd Meadhan Afraga).[1] Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, aig 379m os cionn ìre na mara.[2]

Cartúm/الخرطوم
Suidheachadh
Dùthaich Sudan
Ceàrn Khartoum fhèin
Co-chomharran 15° 38 00' Tuath
32° 32 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 639,598 (2008)
Àireamh fòn +

'S e seo an co-chomharran aige: 15° 34’ Tuath agus 33° 36’ Ear. Tha e suidhichte san àirde a deas na Fàsaich Bhayuda. Chaidh am baile a stèidheachadh le Ibrahim Pasha anns a’ bhliadhna 1821 airson saighdearan às an Èipheit a stèidheachadh an seo. Ach dh’fhàs an tuineachadh nas motha mar àite malairt. Anns a’ bhliadhna 1899 bha Khartoum na phrìomh-bhaile Anglo-Egyptian Sudàn. An dèidh neo-eisimeileachd Shudàn ann an 1956 's e prìomh bhaile den dùthaich ùr cuideachd.

Foghlam

Tha mòran oilthighean ann an Khartoum:

  • University of Khartoum, stèidhichte anns a’ bhliadhna 1902 mar Gordon Memorial College
  • Sudan University of Science and Technology, oilthigh teicneòlas
  • The Academy of Medical Sciences and Technology, ainm eile: AMST, a’ cur air bonn le Prof. Mamoun Humaida
  • Juba University
  • Bayan Science and Technology University
  • Al Neelain University[3]
  • Omdurman Islamic University[4]
  • Ahfad University for Women[5]
  • Academy of Medical Sciences and Technology, Khartoum

Tha am port-adhair as motha ann an Khartoum: Khartoum International Airport. Tha e na laighe ann am meadhan a’ bhaile. Ach thèid port-adhair ùr a thogail ann an Omdurman. 'S e an National Museum of Sudan an taigh-tasgaidh as motha feadh an Sudàn. Tha e ann an Khartoum. Tha an dà Temples of Buhen and Semna, a chaidh a ghluasad bho Loch Nasser, ri fhaicinn an seo.

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Dealbhan

Ceanglaichean A-mach

Iomraidhean

  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. Neelain
  4. OIU
  5. Ahfad University for Women
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.