Keir Starmer
'S e neach-lagha agus neach-poileataigs à Sasainn a tha ann an Sir Keir Rodney Starmer QC BP.
Rugadh is thogadh e ann an Southwark is chaidh ainmeachadh air Keir Hardie. Bha e na sgoilear aig Reigate Grammar School is an sin na oileanach aig Oilthigh Leeds far an do dh'ionnsaich e lagha. Chaidh e na thagraiche ann an 1986 agus dh'fhàs e ainmeil leis a' chùis McLibel, anns an do dhìon e luchd-iomairt a sgrìobh bileag mu McDonald's agus an àrainneachd. Eadar 1998 agus 2013 dh'fhrithealaich e mar Stiùiriche nan Casaidean Poblach agus ceannard Seirbheis Casaid a' Chrùin is fhuair e inbhe ridire an dèidh sin. Bhuannaich e Holborn agus Naomh Pancras airson nan Làbarach ann an 2015. Chaidh e na neach-labhairt Làbarach airson Brexit ann an 2016.[1]
An dèidh do Jeremy Corbyn a dhreuchd a leigeil suas sheas e an aghaidh Lisa Nandy agus Rebecca Long-Bailey airson ceannas a' phàrtaidh is bhuannaich e e.[2]
Iomraidhean
- “Labour leadership winner: Sir Keir Starmer”, BBC News. 4mh dhen Ghiblean 2020. Air a thogail 27mh dhen Ghiblean 2020.
- “Keir Starmer wins Labour leadership election”, The Guardian. 4mh dhen Ghiblean 2020. Air a thogail 27mh dhen Ghiblean 2020.
Keir Hardie (1906–1908) • Arthur Henderson (1908–1910) • George Barnes (1910–1911) • Ramsay MacDonald (1911–1914) • Arthur Henderson (1914–1917) • William Adamson (1917–1921) • J. R. Clynes (1921–1922) • Ramsay MacDonald (1922–1931) • Arthur Henderson (1931–1932) • George Lansbury (1932–1935) • Clement Attlee (1935–1955) • Hugh Gaitskell (1955–1963) • Harold Wilson (1963–1976) • James Callaghan (1976–1980) • Michael Foot (1980–1983) • Neil Kinnock (1983–1992) • John Smith (1992–1994) • Tony Blair (1994–2007) • Gordon Brown (2007–2010) • Ed Miliband (2010–2015) • Jeremy Corbyn (2015–2020) • Keir Starmer (2020–)