Casachstàn
‘S e dùthaich eadar an Roinn-Eòrpa agus Àisia a tha ann an Casachstàn[1] neo Casagstan[2][3], ainm oifigeil: Poblachd Chasachstàn . Le farsaingeachd cho mòr ri 2,727,300 km2 ‘s e an naoidheamh dùthaich as motha air an t-saoghail agus tè as motha gun cheangal sam bith gu muir.[4][5] Tha crìochan aice leis an Ruis, Cìorgastan, Turcmanastàn, Usbagastàn agus Sìona. Tha i suidhichte aig a’ Mhuir Chaspach. Tha an treas pàirt den dùthaich na raoin feòir. 'S e Kazakh Plain an t-ainm a th’ air, tha e cho mòr ri 804,500 km2. Mar sin ‘s e an raon feòir as motha air feadh an t-Saoghail.
'S e Astana prìomh-bhaile Chasachstàn,[6] ach 's e Almaty am baile as motha den dùthaich. Bha am Muir Aral - a tha na loch a-nis - an seo.
Chaidh na Casach ann an Ìmpireachd na Ruise anns an 18mh linn. Bha aramach an aghaidh nan Ruiseanach ann an 1916. Bhàsaich barrachd air 150,000 agus theich 300,000 daoine ach chùm an ìmpireachd an dùthaich fo smachd aice. An dèidh do dh'aramach Bolshevik ann an 1917 chaidh i na poblachd fèin-riaghlaidh anns an Aonadh Sòbhiatach. Dh'imrich 2 millean Ruiseanaich gu Casachstàn ri linn a' ghnìomachasaidh. Chaidh i neo-eisimeileach ann an 1991 le Nursultan Nazarbayev mar cheann-suidhe.[7]
Bha fianaise-dùbhlain ann an Casachstàn air fad anns an Fhaoilleach 2022. Mharbh am poileas 238 de na luchd-fianais. Ged a bha reifreann anns an Ògmhios 2022 agus taghadh a chinn-suidhe, dh'fhuirich smachd far an robh e.[8]
Iomraidhean
- Am Faclair Beag
- Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- Agency of Statistics of the Republic of Kazakhstan (ASRK). 2005. Main Demographic Indicators. Faic http://www.stat.kz
- CIA, 2007: “Casachstàn” ann an ""The World Factbook. Faic https://web.archive.org/web/20181224211128/https://www.cia.gov/library/publications/the-world-factbook/geos/kz.html
- “Kazakhstan to change name of capital from Nur-sultan back to Astana”, The Guardian. 14mh dhen t-Sultain 2022. Air a thogail 17mh dhen Fhaoilleach 2023.
- “Kazakhstan country profile”, BBC News. 24mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 16mh dhen Dàmhair 2023.
- Mazorenko, Dmitriy, Sorbello, Paolo: “Too little has changed in Kazakhstan in the year since ‘Bloody January’”, openDemocracy. 5mh dhen Fhaoilleach 2023. Air a thogail 15mh dhen Dàmhair 2023.