Karlbo
‘S e baile beag ann am meadhan na Suaine aig dìreach 6km bho Avesta[1] a th’ ann Karlbo. Tha e suidhichte aig 56m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-Aibhne Dalälven anns an roinn (Suanais: Län) Dalarna 362km air falbh bho Ghöteborg, 135km agus bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha.[3]
Karlbo | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | ![]() |
Sgìre | ![]() |
Co-chomharran | 60° 07’ Tuath 16° 14′ Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 0226 |
Freumhan an Ainm
Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à Karl (Gàidhlig: Tèarlach) agus bjo (croit) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[4] Bheireadh sin Croit Thèarlaich dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh le bost a thathar a' faicinn daonnan ann an ainmean-àite air feadh nan eilean a th' ann am bjo.
Daoine ainmeil
- Erik Axel Karlfeldt: (1864 – 1931) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1931.
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.