Kalush
'S e baile meadhanach eadar Lviv agus Ivano-Frankivsk anns An Ucràin a th' ann an Kalush (Ucràinis: Калуш, Pòlais: Kałusz, IPA: ˈkɑɫʊʃ). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Lomnytsia, san roinn Ivano-Frankivska Oblast. Tha 65,814 duine a' fuireach ann.
Kalush Калуш
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Ivano-Frankivska Oblast | ||||
Sgìre | Kalushskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 49° 02 39' Tuath 24° 21 35' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 65 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 65,814 (2021) | ||||
Dlùths | 1,012.52/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 3472 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Eachdraidh
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1437 agus thog an rìgh Kazimierz Jagiellończyk eaglais Chaitligeach an seo ann an 1469. B' ann airson grùdaireachd agus salann 's a bha am baile ainmeil aig an àm. Bhuinneadh am baile do Shluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar bhon t-Samhain 1918 gu ruige A' Cèitein 1919. Bha am baile fo sgàile is fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1944. Ann an 1991, thàinig Kalush gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Eòlas-sluaigh
A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Kalush a' bruidhinn (95.33%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (3.19%) cuideachd.[1]
Daoine Ainmeil
- Franciszek Smolka (1810 - 1899): Neach-poileataigs.
- Natalie Papazoglu (1983): Neach-ciùil.
- Oleh Psiuk (1994): Neach-ciùil.[2]
Bailtean Co-cheangailte
- Bačka Palanka
- Český Krumlov
- Gorlice
- Grand Prairie (Texas)
- Kędzierzyn-Koźle