Kalmar län
'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Kalmar län. Tha i na laighe ri taobh na Mara Bhaltaich, ann am ceann a deas na dùthcha, gu deas air Östergötlands län. 'S e Kalmar a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1634. Sìnidh Kalmar län fad 11,217.8km² agus tha 233,168 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 9mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 17mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 12 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Kalmar nam measg.
Baile
Freumhan an ainm
Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à kalmarnir (Gàidhlig: càrn) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[2]
Eachdraidh
B' e Jesper Andersson Cruus af Edeby a' chiad riaghladair nan roinne.[3]