Köln

‘S e mòr-bhaile air an àirde an iar-thuath na Gearmailte a th’ ann an Köln (Kölsch: Kölle, Cuimris: Cwlen, Beurla/Fraingis: Cologne, Duitsis: Keulen, Laideann: Colonia Agrippina). Tha e suidhichte aig 46m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na na h-Aibhne Rhein,[2] faisg air Bonn, anns an sgìre Köln fhèin, 34km air falbh bho Düsseldorf, 222km bho Hamburg agus 478km bho Bherlin, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Chaidh Köln a stèidheachadh ann am 38 R. C. leis na Ubii. Tha 998,105 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[4], an 4mh baile as motha na dùthcha.[5]

Köln
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Nordrhein-Westfalen
Sgìre Köln
Co-chomharran 50° 57' Tuath
06° 58' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 405.15 km²
Àireamh-shluaigh 998,105 (2009)
Dlùths 2,463.54/km²
Àireamh fòn + 49 221
Duilleag oifigeil http://www.stadt-koeln.de/

Dual-chainntean

Tha Kölsch, dual-chainnt a' bhaile, gu math làidir fhathast. Tha i ga bruidhinn le timcheall air 250,000 neach-labhairt, 's e sin gu bhith ¼ de mhuinntir Khöln. Tha ceangal ann eadar cànan agus cultar a' bhaile, gu h-àraidh aig àm Càrnabhail. Aig an àm seo den bhliadhna cleachdar Kölsch anns na h-òrain is anns na h-òraidean agus cluinnear i anns na sràidean agus aig na fèisean.

Foghlam

Tha 11 oilthighean agus colaistean ann an Köln, ach 's e Oilthigh Chologne an t-oilthigh as motha agus aon de na oilthighean as sìne a tha anns a' Ghearmailt. Chaidh a stèidheachadh ann an 1388 aig àm Iompaireachd Naoimh nan Ròmanach.

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Mongabay
  2. KD Rhein
  3. Distance Calculator
  4. Cunntas-sluaigh na Stàite
  5. Bailtean na Cruinne
  6. Riaghaltas Iosrael
  7. Comhairle Bhaile Chorcaigh
  8. Sister Cities
  9. Annuaire de France
  10. Bezirk Neukölln
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.