John Sulston

B' e beò-eòlaiche à Sasainn a bha ann an Sir John Sulston.

John Sulston
Beatha
Breith Fulmer (en) Translate agus Cambridge, 27 dhen Mhàrt 1942
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Bàs Cambridge, 6 dhen Mhàrt 2018
Foghlam
Foghlam York House School (en) Translate
Yusuf Hamied Department of Chemistry (en) Translate 1966) Dotair Feallsanachd
Colaiste Pembroke 1963) Baidealair nan Ealan
Merchant Taylors' School (en) Translate
School of Medicine, University of Manchester (en) Translate
Àrd-fhoghlam Dotair Feallsanachd
Stiùiriche an teusais Colin Bernard Reese
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd bith-eòlaiche, eòlaiche-gintinneachd agus lighiche
Fastaichean Oilthigh Mhanchester
Oilthigh Chambridge
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Comann Rìoghail
Buidheann Eòrpach a' Bhith-eòlais Mhoileciuilich
Academia Europaea
Creideamh
Creideamh neo-dhiadhaireachd
IMDb nm2155590

Tha e ainmeil air sgàth a Dhuais Nobel ann an 2002, còmhla ri Sydney Brenner is Robert Horvitz. Bhuannaich e e airson na h-obrach aige air leasachadh nam ball-bodhaig is bàs ceallan ro-shuidhichte, no apoptosis, sa' chuairt-dhurrag Caenorhabditis elegans.

Rugadh e ann am Fulmer 27 am Màrt 1942 is dh'ionnsaich e saidheansan nàdarra is sgrìobh e a theusas fo Colin Reese aig Oilthigh Chambridge. Rinn e postdoc aig Institiud Salk ann an Calafòrnia is thill e a Chambridge ann an 1969 far an do dh'obair e aig an LMB, far an do mhapaich a sgioba gineom a' chuairt-dhurraig, gu ruige 1992 nuair an deach e na stiùiriche an Ionad Sanger ann an Hinxton faisg air Cambridge gus dàta ginteil a ghiullachd.[1]

Bha e an measg ùghdaran nam Prionnsabalan Bermuda, gum bu chòir sreathan-leanmhainn ginteil a bhith san àrainn phoblach san spot. Chaochail e 6 am Màrt 2018.[2]

Iomraidhean

  1. John E. Sulston - Curriculum Vitae”. Nobel Media AB. Air a thogail 15mh dhen Mhàrt 2018.
  2. Ferry, Georgina: Sir John Sulston obituary”, The Guardian. 11mh dhen Mhàrt 2018. Air a thogail 15mh dhen Mhàrt 2018. 
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.