John Howard Northrop
B' e John Howard Northrop (Yonkers, Eabhraig Nuadh 5 an t-Iuchar 1891 - Wickenburg, Arizona, 27 an Cèitean 1987) an ceamaigear-bith Aimearaganach a fhuair an Duais Nobel ann an Ceimigeachd sa bhliadhna 1946[1] (còmhla ri James Batcheller Sumner agus Wendell Meredith Stanley) airson an obrach aca air beirmearan. Rugadh Northrop ann an Yonkers, faisg air Eabhraig Nuadh, agus chaidh e gu Oilthigh Cholumbia far an d'fhuair e dotaireachd ann an ceimigeachd ann an 1915. Chaochail Northrop ann an Wickenberg, Arizona, an 1987.
Iomraidhean
- “The Nobel Prize in Chemistry 1946”. Nobel Media AB. Air a thogail 8mh dhen Dàmhair 2016.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.