Johannes Stark

B' e fiosaigiche às a' Ghearmailt a bha ann an Johannes Stark (IPA: joˈhanəs ʃtaʁk, Freihung, 15 an Giblean 1874 - Traunstein 21 an t-Ògmhios 1957). Tha e ainmeil airson a thaisgealadh na bhuaidh Stark, far a bheil raon eileagtraig a' toirt buaidh air speactram, agus an taic aige do Nàsaich.

Johannes Stark
Beatha
Ainm slàn Johannes Nikolaus Stark
Breith Freihung, 15 dhen Ghiblean 1874
Dùthaich Rìoghachd Bayern
 A' Ghearmailt
Àite-fuirich A' Ghearmailt
Bàs Traunstein (en) Translate, 21 dhen Ògmhios 1957
Teaghlach
Cèile Luise Uepler (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ludwig Maximilian ann am Munich
Stiùiriche an teusais Eugen von Lommel (en) Translate
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd fiosaigiche agus neach-teagaisg oilthigh
Àitichean-obrach München, Göttingen, Hànobhar, Aachen, Würzburg agus Berlin
Fastaichean Oilthigh Würzburg
Oilthigh Greifswald
Oilthigh Hanòbhair
Oilthigh Aachen RWTH
Oilthigh Göttingen
Physikalisch-Technische Bundesanstalt (en) Translate
Obraichean comharraichte Stark effect (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina
Acadamh nan Lincei
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Nàsach

Beatha

Rugadh e ann am Freihung ann am Bayern agus bha e na oileanach ann an Oilthigh Mhünchen, far an do sgrìobh e an tràchdas aige, "Rannsachadh mu feartan fiosaigeach, air leth radharcach, sùith" fo Eugen von Lommel.[1]

Chaidh e na òraidiche aig an Oilthigh Ghöttingen ann an 1900, na ollamh ann an Hànobhar ann an 1906 mar sin Aachen ann an 1909, Greifswald ann an 1917 agus Würzburg ann an 1920. Chaidh e na cheann-suidhe na Institiud Fiosaigeach-Teicnigeach Impireil ann an 1933.

B' e Nàsach daingeann a bha ann. Sgrìobh e leabhraichean a' toirt taic don Nàsaich agus còmhla ri Philipp Lenard sàraich e Werner Heisenberg agus dh'ainmich iad dàimheachd "Fiosaigs Iùdhach".[2] Chuir e à dreuchd anti-Nàsaich mar Mhax von Laue agus Iùdhaich nuair a dh'obair e aig an Institiud Fiosaigeach-Teicnigeach Impireil.

An dèidh don cogadh chaidh binn-prìosain de 4 bliadhna air airson eucoir cogaidh. Ghabh Werner Heisenberg, Max von Laue agus Arnold Sommerfeld fianais an aghaidh Stark.

Urraman

Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1919.[3]

Iomraidhean

  1. https://web.archive.org/web/20171109232843/https://opacplus.bsb-muenchen.de/metaopac/search?oclcno=162968418
  2. Johannes Stark”, Physics Today. 15mh dhen Ghiblean 2015. Air a thogail 3s dhen Lùnasdal 2021. 
  3. http://www.nobelprize.org/nobel_prizes/physics/laureates/1919/stark-facts.html
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.