Johan de Witt
B' e Johan de Witt neo Jan de Witt (Dordrecht, 24 an t-Sultain 1625 - Den Haag, 20 an Lùnasdal, 1672) Stàitire agus Matamataigear[1] às Na Tìrean Ìsle.[2] Bhuinneadh de Witt do theaghlach Uachdaranach ainmeil cumhachdail. Bha athair, Jacob de Witt, na phròbhaist Dordrecht còig turas agus fhuair de Witt fhèin a chuid fhoghlaim ann an Leiden, far an robh e gu math soirbheachail ann am Matamataig agus Lagh. Chaidh e gu Sasainn, An Eadailt, An Eilbheis agus An Fhraing ann an 1645[3] agus nuair a thill e dhachaigh thoisich e a bhith na fear-lagha ann an Den Haag.
Johan de Witt | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
1650 - 1653
1653 - 1672 ← Adriaan Pauw (en) - Gaspar Fagel (en) →
1660 - 1672 | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Dordrecht, 24 dhen t-Sultain 1625 | ||||||
Dùthaich | Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte | ||||||
Bàs | Groene Zoodje (en) agus Den Haag, 20 dhen Lùnastal 1672 | ||||||
Nàdar a’ bhàis | murt duine (mort le gràisg) | ||||||
Teaghlach | |||||||
Athair | Jacob de Witt | ||||||
Cèile | Wendela Bicker (en) (30 dhen Fhaoilleach 1655 - | ||||||
Clann |
liosta
| ||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||
Sinnsirean |
liosta
| ||||||
Fine | De Witt (en) | ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam | Oilthigh Leiden | ||||||
Stiùiriche an teusais |
Frans van Schooten (en) Isaac Beeckman (en) | ||||||
Cànain | Laideann | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | matamataigear, neach-poileataigs, neach-lagha agus sgrìobhadair | ||||||
Àitichean-obrach | Den Haag, Dordrecht agus Den Haag | ||||||
Far-ainmean | D.H. | ||||||
Creideamh | |||||||
Creideamh | An Eaglais Ath-leasaichte Dhuitseach |
Chaidh e ainmeachadh rianaire (Duitsis: pensionaris) Dordrecht ann an 1650, agus rianaire na h-Òlaind air fad ann an 1653. A bharrachd air sin, phòs de Witt ri Wendela Bicker à Amsterdam air 16 an Gearran 1655 agus fhuair iad ceathrar duine-chloinne còmhla: Agnes, Anna, Maria agus Johan òg. Chuidich am pòsadh seo e ann an saoghal a' phoileataigs leis gu robh teaghlach a' mhnà uabhasach neartmhor cumhachdail sa bhaile aca. le sin, 's e esan a bha os cionn na dùthcha gu ruige 1672, Rampjaar (Gàidhlig: Bliadhna na Dosgainne). Nuair a chaochail Wendela, phòs e ri Cornelia de Ruyter, nighean an àrd-mharaiche Michiel de Ruyter, ann an 1659.
S' e poblachdach a bh' ann de Witt, is e an aghaidh nan Rìoghairean. Cho-rèitich esan còrdaidhean fàbharach còmhla ri Sasainn, A' Phortagail agus An Danmhairg agus leasaich e ìompaireachd nan Tìrean Ìsle thall san san Innd-Innse. Ach bha an dùthaich air a bhith ann an droch staing phoileataigeach fad mòran bhliadhna. Nuair an tug Sasainn, An Fhraing agus easbaigeachdan Münster agus Köln ionnsaigh air Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte chaidh esan agus a bhràthair mòr Cornelius a chur gu bàs[4] le gràisg fheargach fhiadhaich dhe Orangaich ann an Den Haag air 20 an Lùnasdal 1672.
Dh'fhoillsich de Witt an leabhar Elementa curvarum linearum (Gàidhlig: Eileamaidan nan loighnichean lùbte) ann an 1658.[5]