Johan August Arfwedson
B' e ceimigear às an t-Suain a bha ann an Johan August Arfwedson (Laxå, 4 am Faoilleach 1792–Eskilstuna, 28 an Dàmhair 1841).[1] Tha e ainmeil airson an taisgealadh de litium aige.
Johan August Arfwedson | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Finnerödja (en) , 4 dhen Fhaoilleach 1792 |
Dùthaich | An t-Suain |
Bàs | Bilbao, 28 dhen Dàmhair 1841 |
Teaghlach | |
Athair | Jacob Arfwedson |
Màthair | Anna Elisabet Holterman |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Uppsala Bergsexamen |
Stiùiriche an teusais | Jöns Jacob Berzelius |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceimigear agus notary (en) |
Ballrachd | Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan |
Beatha
Rugadh e ann an Skaraborgs Län san t-Suain a deas, agus bha e na oileanach ann an Oilthigh Uppsala far an do dh'ionnsaich e lagh agus mèinnear-eòlas. Ann an 1817, nuair a bha e ag obair ann an deuchainn-lann rannsachaidh Jöns Jacob Berzelius, lorg e eileamaid ùr, litium.[2] Taghadh e mar bhall an Acadamaidh Rìoghail Saidheansan na Suaine ann an 1821 agus mhair e ann an oighreachd aige far an do thog e deuchainn-lann ceimigeach gus an do chaochail e ann an 1841. Bha e na mhac-bràthar Karl Kristoffer Arfwedson, neach-gnìomhachais agus stèidheadair Tottie & Arfwedson, às-mhalartair mòr de dh'iarainn agus na sheanair Karl David Arfwedson, neach-gnìomhachais agus sgrìobhadair. Dh'ainmicheadh mèinnear às a' Ghraonlainn, arfvedsonaid, air.[3]