Jan Palach
'S e oileanach aig Oilthigh Theàrlaich[1] ann am Pràg (Seacais: Univerzita Karlova v Praze; Laideann: Universitas Carolina Pragensis; Gearmailtis: Karls-Universität zu Prag) a bh' ann an Jan Palach (IPA: jan ˈpalax, Pràg, 11 an Lùnastal 1948 - ibidem 19 am Faoilleach 1969). Dh'ìobair e esan fhèin mar fhianais an aghaidh ionnsaigh Shobhiatach a ghabh àite anns an Lùnastal 1968.[2]
Jan Palach | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith |
Londýnská (en) ![]() ![]() |
Dùthaich |
Czechoslovak Republic Czechoslovak Socialist Republic ![]() |
Ciad chànan | Seacais |
Bàs |
Borůvkovo hospital (en) ![]() |
Àite-adhlacaidh |
Cladh Olšany Všetaty (en) ![]() |
Nàdar a’ bhàis |
fèin-mhurt (self-immolation (en) ![]() |
Teaghlach | |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Gymnázium Jana Palacha (en) ![]() Faculty of Arts, Charles University in Prague (en) ![]() (1968 - 19 dhen Fhaoilleach 1969) : eachdraidh saidheans, political economy (en) ![]() |
Cànain | Seacais |
Dreuchd | |
Dreuchd |
university student (en) ![]() |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd |
Parish Church of the Evangelical Churches of Czech Brethren in Libiš (en) ![]() T.J. Sokol Všetaty (en) ![]() Sokol (en) ![]() |
Creideamh | |
Creideamh |
Evangelical Church of Czech Brethren (en) ![]() |
An Ionnsaigh Shobhiatach
Air an 21 an Lùnasdal 1968, bhris an t-armailt Sovietach a-steach air an t-Seic-Slòbhac,[3] oir cha robh na h-ath-leasachaidhean a rinn an riaghaltas anns an Seic-Slòbhac a' còrdadh ris an riaghaltas Sovietach, bha an riaghaltas Sovietach ag iarraidh a' cumail a bhuaidh air an t-Seic-Slòbhac. Bha Palach ag ionnsachadh Feallsanachd aig an àm.[4] fon riaghaltas aig Alexander Dubček, is le sin mhùchadh Earraich Phràg. Mar sheòrsa dhe fianais, loisg Palach esan fhèin anns a' Cheàrnaig Vaclav air an 16mh am Faoilleach 1969. Dh'fhàs tìodhlacadh Phalach a bhith an fhianais-dhùbhlain na bu mhò a bh' ann a-riamh an aghaidh nan Sobhiatach, agus an ceann mìos, air 25 an Gearran, mharbh oileanaich eile, Jan Zajíc,[5] esan fhèin san aon dhòigh agus san aon àite. Sa Ghiblean, rinn Evzen Plocek an dearbh rud ann an Jihlava.[6]
Jan Palach is Saoghal na Gàidhlig
Sgrìobh Somhairle MacGill-Eain an dàn Gàidhlig mu dhèidhinn Jan Palach:
"...nach b’ ann le teine-aighir mar chunnacas ann am Pràg, ’s nach b’ e an curaidh oileanaich a rachadh suas ’na smàl..."[7]
Jan Palach anns a' chultar
Ann an 2013, rinn HBO sreath filmichean mu dhèidhinn na tachartasan a lean às dèidh bàis Phalach: Hořící keř (The Burning Bush). Bha Agnieszka Holland, stiùiriche nam film Pòlainneach ainmeil, na stiùiriche.
Daoine eile a dh'ìobair iad fhèin mar fianais phoileataigeach
- an t-Seic-Slòbhac: Jan Zajíc, Evžen Plocek, Josef Hlavatý
- A' Phòlainn: Ryszard Siwiec
- An Ucràin: Vasyľ Makuch
Ceanglaichean a-mach
- Làrach-lìn mu dhèidhinn Jan Palach (Seicis, Beurla, Fraingis, Pòlainnis, Gearmailtis)
- The Burning Bushair làrach-lìn HBO (Beurla)
- "Palach", dàn le Somhairle MacGill-Eain