Jacobus Henricus van't Hoff
B' e Jacobus Henricus van't Hoff (30 an Lùnasdal 1852 - 1 am Màrt 1911) creag-eòlaiche, ceimigear, fiosaigiche agus fàs-bheartach Duidseach agus buannaiche dhan a' chiad Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1901.[1] Chuidich e anns an stèidheachadh de na modhan aig ceimigeach fiosaigeach mar a tha fios againn air an diugh. Tha e cuideachd air a smaoineachadh air mar aon de na ceimigearan is ann an eachdraidh còmhla ri Antoine Lavoisier, Louis Pasteur agus Friedrich Wöhler.
Jacobus Henricus van't Hoff | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Rotterdam, 30 dhen Lùnastal 1852 |
Dùthaich | Rìoghachd nan Tìrean Ìsle |
Ciad chànan | Duitsis |
Bàs | Berlin, 1 dhen Mhàrt 1911 |
Àite-adhlacaidh | cladh Dahlem |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (a' chaitheamh) |
Teaghlach | |
Cèile | Johanna Francina Mees (en) |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Leiden Oilthigh Utrecht Oilthigh Bonn Oilthigh Teicneolas Delft Oilthigh Pharas |
Àrd-fhoghlam | dotair nan saidheansan |
Stiùiriche an teusais | Eduard Mulder (en) |
Oileanaich dotaireachd |
Ernst Cohen (en) Harold A. Wilson (en) Pieter Coenraad Frederik Frowein (en) Albertus van Bijlert (en) Gerrit Hondius Boldingh (en) Johannes Jacobus van Laar (en) Wilder Dwight Bancroft (en) |
Cànain |
Fraingis Gearmailtis Duitsis |
Luchd-teagaisg |
Friedrich August Kekulé von Stradonitz Eduard Mulder (en) |
Oileanaich | Ernst Cohen (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceimigear, ollamh, fiosaigiche, einnseanair, geòlaiche, neach-teagaisg oilthigh agus stereochemist (en) |
Fastaichean |
Oilthigh Humboldt Berlin Oilthigh Friedrich-Wilhelm Oilthigh Utrecht (1874 - 1878) Oilthigh Amsterdam (15 dhen Dàmhair 1877 - 26 dhen Ògmhios 1878) Oilthigh Amsterdam (26 dhen Ògmhios 1878 - 30 dhen Dùbhlachd 1895) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh nan Saidheansan ann an Göttingen Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan Acadamh Fhrangach nan Saidheansan Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan Acadamh Ungaireach nan Saidheansan Acadamh Rìoghail nan Tìrean Ìsle airson nan Ealan is Saidheansan Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans An Comann Fiosaig-grafach Rìoghail ann an Lund Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan Acadamh Phruiseach nan Saidheansan Acadamh Nàiseanta nan Saidheans Accademia delle Scienze di Torino |
Beatha tràth
Rugadh e ann an Rotterdam ri dotair. Bho aois òg bha ùidhe aige ann an saidheans agus cuideachd ann am bàrdachd agus bha an Tighearna Byron na ìomhaigh aige. An aghaidh miann athair chaidh e a sgrùdadh ceimigeachd aig Ionad Polytechnical Delft, Oilthigh Leiden, Oilthigh Bhonn anns a' Ghearmailt agus an uairsin Paris agus mu dheireadh fhuair e an ollamhachd aige aig Oilthigh Utrecht ann an 1874. Ann an 1878 phòs e Johanna Francina Mees agus bha dithis nighean aca, Johanna Francina (r. 1880) is Aleida (r. 1882), agus dithis mhac, Jacobus Henricus (r. 1883) agus Govert Jacob (r. 1889).
Buannaiche dhan a' chiad Duais Nobel ann an Ceimigeachd
Thoisich e a bhith na neach-labhairt ann an ceimigeachd agus nàdar-fheallsanachd aig Colaisde Lighiche-Bheataichean ann an Utrecht. Bha e na phroifeasair aig ceimigeachd, geòlas agus mèinn-eòlas ann an Amsterdam airson 18 bliadhna agus aig a' cheann thall ghabh e an àird an ceann-suidheachadh den roinn ceimigeachd. Ann an 1896 ghluais e chun na Gearmailt agus chrìochnaich e a dhreuchd a sin ann an 1911. Ann an 1901 bhuannaich e a' chiad Duais Nobel ann an Ceimigeachd airson na h-obrach aige le eadar-sgaoilidhean.
Aistean co-cheangailte
Iomraidhean
- “Nobel Prize in Chemistry 1901”. Nobel Media AB. Air a thogail 30mh dhen Iuchar 2017.