Ivano-Frankivska Oblast

'S e tè dhe na 24 roinnean anns an An Ucràin a th'ann an Ivano-Frankivska Oblast (Ucràinis: Івано-Франківська область, ainm neo-fhoirmeil: (Prykarpattia/Ivano-Frankivshchyna). 'S e Ivano-Frankivsk fhèin 's a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[1] Tha i suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, faisg air na crìochan le Romàinia. Tha 1,361,109 duine a' fuireach ann.

Ivano-Frankivska Oblast
Івано-Франківська область
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Prìomh-bhaile Ivano-Frankivsk
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 13,900 km²
Àireamh-shluaigh 1,361,109 (2021)
Dlùths 97.92/km²
Àireamh fòn + 380 34
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Eachdraidh

Bhuinneadh talamh na h-Oblast agus àitean eile mu timcheall air - ris an canadh Prykarpattia - dhan Rus Kyiveach agus an uair sin dha na stàiean a thàinig às a dhèidh, Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia agus Rìoghachd na Pòlainn. Às deidh sgaradh na Pòlainn ann an 1772, thuit i fo sgàile na monarcachd Habsburg agus Ostair-Ungaire.[2] Mar thoradh air A' Chogadh Mhòr, thuit An Ostair-Ungaire às a chèile, agus bha connspaid ann eadar A' Phòlainn agus Sluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar nach robh fada beò. Às deidh a' Chogaidh Pòlach-Sobhietach, dh' fhan i sa Phòlainn. Ann an 1939 chaidh A' Phòlainn a sgaradh eadar a' Ghearmailt Nàsach agus An t-Aonadh Sobhiatach, a cruthachadh Stanislavska Oblast, ach chaidh an t-ainm atharrachadh ann an 1962 mar urram don sgrìobhadair Ivan Franko. Bhòt 98.42% nan daoine ann an Ivano-Frankivska Oblast airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an 1991.[3]

Daoine Ainmeil

Bailtean ann an Ivano-Frankivska Oblast

Iomraidhean

  1. Ukrexport
  2. Bideleux, Robert; Jeffries, Ian (1998). A History of Eastern Europe: Crisis and Change. Routledge.
  3. Soviet History
  4. The Telegraph

Ceanglaichean A-mach

Mapaichean

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.