Ion Antonescu
B' e saighdear, neach-poileataigs, riochdaire dioplòmasach, deachdaire Faisisteach agus eucoireach-cogaidh à Romàinia a bh' ann an Ion Victor Antonescu (IPA: i'on antoˈnesku, Pitești, 15 an t-Ògmhios 1882 - Jilava, 1 an t-Ògmhios 1946).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Ortodogsach iar-fhlaitheach armailteach - bha athair na oifigear san arm roimh. Dhealaich a phàrantan nuair a bha e na phàisd agus phòs athair ri tè Iùdhach air an robh Frieda Kuppermann.[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig acadamaidhean armailteach ann an Craiova, Târgoviște agus san Fraing. Dh'fhulaingeadh Antonescu leis a' bhreac-Fhrangach fad a bheatha.[3] Bha e an sàs ann an iomairt an airm an aghaidh Ar-a-mach Luchd na Tuatha ann an 1909 agus thug esan ionnsaigh air Sòisealaich ann an Galați. B' e Antonescu a dhealbhaich plana-dìona Bhucharest aig àm A' Chogaidh Mhòir an an 1916. Bha fuath is gràin aige air Iùdhaich agus Daoine Rroma agus fhuair iad seo fìor dhroch làimhseachadh bhuaithe fhad 's a bha esan os cionn an Riaghaltais. Dh' fhosgaladh campaichean-losgaidh agus dhèanadh murt orra, fiù's mus dh'iarr Hitler air Romàinia gun gabhadh iad ri Uile-losgadh Nàsach nan Iùdhach agus nan Rroma.[4] Thuirt Hannah Arendt gu robh Antonescu a-riamh ceum air adhart air Hitler. Aig deireadh An Dàrna Chogaidh chaidh a dhìteadh agus a chur gu bàs ann an Jilava air an t-Ògmhios 1946 airson an uilc a rinn e.[5]
Ion Antonescu | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
1 dhen Dùbhlachd 1933 - 11 dhen Dùbhlachd 1934 ← Constantin Lăzărescu (en) - Nicolae Samsonovici (en) →
5 dhen t-Sultain 1940 - 23 dhen Lùnastal 1944 ← Ion Gigurtu (en) - Constantin Sănătescu (en) → | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Pitești, 14 dhen Ògmhios 1882 | ||||||
Dùthaich | Romàinia | ||||||
Bàs | Jilava, 1 dhen Ògmhios 1946 | ||||||
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis (leòn peileir) | ||||||
Teaghlach | |||||||
Cèile | Maria Antonescu (en) | ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam | École Spéciale Militaire de Saint-Cyr (en) | ||||||
Cànain | Romàinis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, luchd an airm agus dioplomat | ||||||
Com-pàirtiche
| |||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||
Seirbheis san arm | |||||||
Meur an airm | Feachdan na Tìre aig Romàinia | ||||||
Ìre | marasgal | ||||||
Strì |
An Cogadh Mòr 1907 Romanian Peasants' Revolt (en) Second Balkan War (en) Hungarian-Czechoslovak-România War (en) An Dàrna Cogadh | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | neach-poileataigs neo-eisimeileach |
Ceanglaichean a-muigh
Iomraidhean
- Duțu, A., Dobre, F., Antonescu și generalii români. Un război surd și ciudat, 1999.
- Scafes C., Șerbănescu H., Scafes I., Andonie C., Dănilă I., Avram R., Armata română, 1941 - 1945, Editura R.A.I., 1996.
- Ancel, Jean "Antonescu and the Jews", The Holocaust and History The Known, the Unknown, the Disputed and the Reexamined, Bloomington: Indiana University Press, 1998.
- Arendt, H, (1963), Eichmann in Jerusalem: A Report on the Banality of Evil, Viking Press, Eabhraig Nuadh.
- Raul Hilberg, La Destruction des Juifs d'Europe, tome 1, Foliohistoire, 2006. Quid, 2000.