Inneal-smùide

Tha inneal-smùide 'na inneal a tha 'ga obrachadh air an lùths a tha ann an smùid.

Is feart do stoth, gu bheil a thoirt aig teasad de 100 °C agus bruthachd caighdeanachd (760mm Hg) mu 1400 uiread toirt an uisge aig a h-aon teasad.

An t-Inneal Teine de Newcomen

Tha an dealbh air an taobh dheis a' riochdachadh an cruth de inneal stotha a h-ùraich Tomas Newcomen (1663-1715) mun bhliadhna 1706. Is inneal-steidhichte a tha ann, sònraichte ri taosgadh uisge a-mach às mèin. B’ e Inneal Newcomein a’ chiad inneal-stoith uidheamaichte le steallair a dh’obraich ann an siorcair; a’ chiad inneal-stoith dealbhaichte ri tiomanadh bheirt (taosgaire) agus a'chiad gnè inneal-stoith a rinn dleasdanas malairteachd.

Tha eagar an t-innil soilleir anns an dealbh. Chaidh togail air innealan mar seo ri taobh sloc an taosgaidh – toll inghar, mu deidhinn 2m anns an leud, a rachadh sìos do trannsa b’ ìsle na mèine. Bhiodh Taosgaire-Sàthaidh suidhichte ann an slugan aig bun an t-sluic, le a shlat-thiomain na shìneadh suas, a mach a beul an t-sluic, far an rachadh a h-altachadh, le slabhraidh, ri ceann a-muigh na Sail Mhòr.

Is e luamhan a tha anns an shail mhòr a pein, le lùdag aig a leth-phuing a tha stèidhichte air sorch calma ( mar is tric togta a-steach ri balla taigh an inneil), Tha ceann na Sail Mhòr os cionn Slat an Taosgaire agus a ceann eile os cionn làr an Steallair. Tha Slat an Steallair ceangailte ri ceann a-stigh na Sail Mhòr, mar a tha Slat an Taosgaire ris a’ cheann a-muigh.. Mar sin, nuair a thuiteas Slat an Taosgaire bithidh an steallair ag èirigh agus nuair a bhitheas an steallair a’ dol sìos bithidh Slat an Taosgaire ag èirigh.

Is ainneamh gum bhiodh domhainnead sloc an taosgaidh nas lugha na 20 fathom (40m). Mar sin, bhiodh Slat an Taosgaire torr nas truime na ‘n steallair a crochadh far ceann eile na Saile agus suidheadh an t-inneil aig fòs, mar a tha e anns an fhìor-dhealbh, le Slat an Taosgaire sìos agus an Steallaire suas.

A chuir an inneal a’ ruith, fosglaidh Coc an Stoith, agus Coc an Dòirteil (D). Srùitheadh stoth às a’ ghoileir a-steach ris an t-siorcair agus bhruitheadh an stoth an adhair a mach as an t-siorcair. Nuair a nochdadh stoth aig sput an dòirteil, dhùineadh an da choc agus fosglaidh Coc an Uisge (U), a’ stealladh uisge fuar, mar ceò, a-steach ris an siorcair.

Bhiodh an t-uisge a’ fuaradh an stoth, ga dluthadh ri uisge anns a bhàd agus ag aobharachadh falamhantas anns an t-siorcair. An lùib seo, bhiodh cuideam an àile air steallair an inneil, ga thiomain sìos.

Nuair a thigeadh an steallair ri ceann iochdar a shiubhail, duineadh U, agus fosgaileadh Coc an Stoithe a-rithis. Sruitheadh Stoth don an t-siorcair, a’ briseadh am falamhantas agus a’ leigeil steallair an-innil a dh’eirigh a-rithis. Nuair a bhiodh an t-inneal a’ dol, cha fosgaileadh coc an doirteil airson gach strac, ach bho àm gu àm fhosgaileadh e a leigeil às an t-uisge dluithte a bhiodh na cruinneachadh aig bun an t-siorcair. Aig toiseach an 18mh linn cha robh an teicneòlas ann a dheanamh siorcair eagnaidh, mar sin bhiodh an steallair uidheamichte le clàr leathair air an taobh uachdarachd agus gleidheadh an seul eadar siorcair agus steallair le uisge air mun an leathair, chumadh uisge ri seul an steallaire tro coc S.

Tha e soillear, nach e bruthachd stoithe ach falamhantas a'dh obraicheas innealan mar seo, agus is e cuideam Slat an Taosgaire a dh'aobhraicheas stràc-iomain d’an taosgaire. Is e obair an innil fhein a thogail Slat an Taosgaire a-rithis airson an ath sràc-thaosgaidh.

Chuireadh a' chiad Inneal Newcomein an gniomh mu deidhinn 1712, rè an seachad bliadhna as deidh sin, mun do thuraich Seumas Bhatt (1736-1819) inneal-stoith uidheamaichte le dluthadair fa-leth, thogadh cheudan dhaibh. Mhair tè neo dha dhan 20mh linn.

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.