Impireachd na Ròimhe

B' e mòr-rìoghachd a mhair linntean, fo stiùireadh dhiofair ìmpirean, a bha ann an Impireachd na Ròimhe.

Impireachd na Ròimhe ann an 117 AC.

A rèir naidheachd an latha, dh'fhàg Romulus agus Remus, dithis bhràthair, ri chèile na coilltean mòra mu chuairt na Ròimhe às dèidh dhaibh cobhair le madaidhean-allaidh fhaighinn nuair a b' e pàistean a bh' annta, agus b' ann às dèidh Romulus gun deach am baile ainmeachadh.

Fhuair na Ròmanaich cliù a tha fhathast maille rinn, bho bhun-stèidh agus reachdan a chur air bhonn iomradh agus ainm nan ceannsaichean dùthchannan agus slòigh mhòra.

A bharrachd air siostam-sgrìobhaidh, siostaman riaghaltais bho dheamocrasaidh gu aintighearnas, bho cheannardan aig an robh Eadh gan riaghladh agus gan ruaigeadh gu lèir-sgrios 's cuid mhuinntir a chur sìos; gu Caesaran cràbhaich, tha eachdraidh iomadh-dhathte aig Baile na Ròimhe, agus as aonais cha bhitheadh adhartas a th' againn san taobh an iar.

Ged nach gabh dearbhadh seo, mura b' e eòlas nan Ròmanach air fhàgail dhuinn mar dhìleab, cha leig sin a leas a ciallachadh nach gabhadh sluagh eile an àite-san ann an eachdraidh. Bhitheadh Eòrpa na bu mhiosa dheth, is cinnteach ann an seagh no dhà, agus fada na b' fheàrr dheth ann an caochladh dhòighean eile.

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.