Aepyceros melampus
'S e seòrsa antalop no gobhar-fhiadhaich[2] (iolra:goibhrean-fiadhaich) a tha ann an Aepyceros melampus (Beurla: Black-faced impala, Impala[1], Afrikaans: Rooibok [1], Zulu: Impala)[1].
Antalop no gobhar-fhiadhaich (Aepyceros melampus) | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Mammalia |
Òrdugh | Artiodactyla |
Teaghlach | Bovidae |
Gèineas | Aepyceros Sundevall, 1847 |
Spèiseas | A. melampus |
Fo-spèiseas | Aepyceros melampus johnstoni Thomas, 1893[1] Aepyceros melampus katangae Lönnberg, 1914[1] Aepyceros melampus melampus (Lichtenstein, 1812)[1] Aepyceros melampus petersi Bocage, 1879[1] Aepyceros melampus rendilis Lönnberg, 1912[1] Aepyceros melampus suara Matschie, 1892[1] |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Aepyceros melampus (Lichtenstein, 1812) | |
Ainmean eile | |
Aepyceros melamphus (mearachdach) | |
Àitichean-fuirich
Tha iad a' fuireach ann an Angola, Botsuana, Ceinia, Malabhaidh, Mòsaimbic, Naimibia, Rubhanda, Afraga a Deas, Dùthaich nan Suasaidh , an Tansan, Uganda, Sàimbia agus Sìombabue.[1] Tha iad a' fuireach ann an raointean-feòir, ann an steipean, ann an wadis is fàsaichean nam beann. Tha timcheall air 2,000,000 fiadh-bheathach ann.[1]
Coltas
San fharsaingeachd tha iad eadar 120 is 160 cm (4–5.3 troigh) a dh'fhaid agus tha iad eadar 75 is 95 cm (2.5–3.1 troigh) a dh'àirde aig an gualainn. Gu cumanta tha an t-earball aca eadar 30 is 45 cm (12-18 òirleach) a dh'fhaid. Tha iad mu 40 is 80 kg (88-176 lb) de chuideam.[3]
Fo-sheòrsaichean
Dealbhan
- Aepyceros melampus boireann
- Aepyceros melampus fireann
- Ceann a' bheathaich
- Treud nam beathaichean
- Treud nam beathaichean ann an steip
Iomraidhean
- “Aepyceros melampus Impala”. EOL Encyclopedia of Life. Air a thogail 13 Faoi. 2015.
- An Seotal: Briathrachas Gàidhlig air-loidhne airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil. Leughte 9 Faoi. 2015
- Huffman, B.: “Aepyceros melampus Impala”. Ultimate Ungulate. Air a thogail 13 Faoi. 2015.