Ibadan
‘S e baile uabhasach mòr air an àirde an iar-dheas Nìgeiria a th’ ann an Ibadan (Yoroba: Ìbàdàn neo Ìlú Ẹ̀bá-Ọ̀dàn). Tha an t-ainm a' ciallachadh Am baile eadar na coilltean is na faichean. Chaidh Ibadan a stèidheachadh ann an 1829 le daoine a bha a’ teiche an acras.[1] Tha e suidhichte faisg air Loch Eleyele, aig 239m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-Aibhne Ogunpa anns an stàit Oyo,[3] 66km air falbh bho Abeokuta, 442km bho Abuja (prìomh-bhaile na dùthcha) agus 118km bho Lagos.[4] Tha 3,034,200 duine a’ fuireach anns an àite, an darna baile as motha na dùthcha[5] agus Tha oilthigh làidir[6] anns a’ bhaile.
Ibadan | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Nìgeiria |
Sgìre | Oyo |
Co-chomharran | 07° 23' 07 Tuath 03° 55' 00 Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 3,080 km² |
Àireamh-shluaigh | 3,034,200 (2011) |
Dlùths | 985.13/km² |
Àireamh fòn | + 234 2 |
Daoine Ainmeil
- Ken Saro-Wiwa: (1941 – 1995) Sgrìobhadair.
- Sade Adu: (1959 – ) Seinneadair leis a’ Còmhlan-ciul Sade.
- Hugo Weaving: (1960 – ) Cleasaiche.
- Samantha Marie Sprackling: (1968 – ) Seinneadair leis a’ Chòmhlan-ciul Republica.
- Andrew O'Halloran: (1968 – 2021) (Neach-iomairt).
Gnàth-shìde
Tha Ibadan suidhichte ann an roinn gu math bog fliuch tropaigeach le teodhachd uabhasach àrd an coimeas ri Alba.[8] Bidh an t-uisge a' dòrtadh eadar Am Màrt agus An Dàmhair. 'S e dìreach 10° an teodhachd na b' ìsle a chlàradh a-riamh ann an Ibadan.
Mìos | Fa | Ge | Μà | Gi | Cè | Òg | Iu | Lù | Su | Dà | Sa | Dù |
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
Ìre an uisge (mm) | 8 | 23 | 76 | 124 | 145 | 163 | 132 | 74 | 170 | 152 | 43 | 10 |
Ìre an uisge (in) | 0.3 | 0.9 | 3.0 | 4.9 | 5.7 | 6.4 | 5.2 | 3.0 | 6.7 | 6.0 | 1.7 | 0.4 |
Teodhachd as àirde. (°C) | 32 | 34 | 33 | 32 | 31 | 30 | 28 | 28 | 29 | 30 | 31 | 31 |
Teodhachd as ìsle. (°C) | 21 | 23 | 24 | 24 | 23 | 23 | 21 | 21 | 22 | 22 | 23 | 21 |
Uisge (mm) | 10 | 60 | 190 | 420 | 490 | 700 | 670 | 400 | 670 | 490 | 50 | 20 |
Teodhachd a b’ àirde a-riamh. (°C) | 37 | 39 | 38 | 38 | 35 | 33 | 31 | 31 | 36 | 33 | 34 | 35 |
Teodhachd a b’ àirde a-riamh. (°F) | 98 | 102 | 100 | 100 | 95 | 91 | 88 | 88 | 97 | 91 | 93 | 95 |
Teodhachd a b’ ìsle a-riamh. (°C) | 10 | 12 | 18 | 18 | 18 | 18 | 16 | 16 | 17 | 18 | 14 | 14 |
Teodhachd a b’ ìsle a-riamh. (°F) | 50 | 54 | 64 | 64 | 65 | 64 | 61 | 61 | 63 | 64 | 57 | 57 |
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
- Riaghaltas na RoinneTeamplaid:Fix/category