Iain Gobha na Hearadh
'S e bàrd spioradail a bh' ann an Iain Gobha na Hearadh (1790-1852), neo John Morrison sa Bheurla. Rugadh e ann an Ròghadal, Na Hearadh. Dh'fhàs e na ghobha agus na cheannard soisgeulasach, cho math ri na bhàrd. Ann an 1828, fhuair e obair mar cheistear leis an SSPCK.
Iain Gobha na Hearadh | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Ròghadal, 1790 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Leac a Lì, 6 dhen Dùbhlachd 1852 |
Àite-adhlacaidh | Ròghadal |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus soisgeulaiche |
Gnè ealain | bàrdachd |
Creideamh | |
Creideamh | An Eaglais Shaor |
Bha e comasach air sgrìobhadh gu fileanta sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Sgrìobh e, mar eisimpleir, an dàn fada 'An Nuadh Bhreith, no Gleachd an t-Seann Duine agus an Duin' Òig'.[1]
Dàin
Iomraidhean
- Thomson, Derick S. An Introduction to Gaelic Poetry (London: Victor Gollanz Ltd, 1974) 222.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.