Huelva

‘S e baile mòr agus port ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann Huelva (IPA: 'welβa). Tha e suidhichte aig dìreach 1m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh a’ Bhàigh Cádiz, aig inbhir nan aibhnichean Odiel agus Tinto,[2] 441km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 86km bho Shevilla.[3] Tha Huelva air an àirde an iar-dheas Andalusia. Tha 149,310 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[4] an 9mh baile as motha na h-Andalusia agus an 45mh baile na Spàinne. [5]

Huelva
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Huelva
Sgìre Andalusia
Co-chomharran 37° 15' 50 Tuath
06° 57′ 47 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 149 km²
Àireamh-shluaigh 149,310 (2010)
Dlùths 1,002.08/km²
Àireamh fòn + 00 959
Duilleag oifigeil http://www.huelva.eu

Freumhan an ainm

‘S ann connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre cho oilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à Ὄνοβα (Onuba) ann an Greugais no Onuba Aestuaria ann an Laideann a tha an t-ainm, le freumhan ann an cànan air choireigin a bha ga bruidhinn an seo o chionn mìltean de bhliadhnaichean.[6] A dh’aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Olba ann an Tartesianais a tha e.[7] Tha an t-iar-leasachan -oba no –uba gu ìre mhath cumanta ann an ceann a deas na Spàinne. Sgrìobhadh Gaelbah agus Welba ann an Arabais, a’ leantainn atharraidhean fuaimneachail ann an Spàinntis fhèin (/ɔ/ gu /wo/).[8]

Eachdraidh

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[9]

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Mongabay
  2. Revista Iberica
  3. Distance Calculator
  4. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  5. Bailtean na Cruinne
  6. Cortés y López, Miguel (1835). Diccionario geográfico-histórico de la España antigua, Tarraconense, Bética y Lusitana: con la correspondencia de sus regiones, ciudades, montes, ríos, caminos, puertos e islas a las conocidas en nuestros días. Imprenta Real, Madrid. p. 169 - Tomo I. OCLC 645251138.
  7. Schulten, Adolf. Tartessos. Contribución a la historia más antigua de Occidente. Editorial Almuzara. ISBN 84-88586-66-3
  8. Boletín de Filología
  9. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  10. ABC

Ceanglaichean A-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.