Hans Fallada

B’ e Hans Fallada (fìor ainm Rudolf Wilhelm Friedrich Ditzen, Greifswald, 21 an t-Iuchar 1893Berlin, 5 an Gearran 1947) neach-aithris agus sgrìobhadair Gearmailteach anns a’ chiad leth dhen 20mh Linn.

Hans Fallada
Beatha
Breith Greifswald, 21 dhen Iuchar 1893
Dùthaich  A' Ghearmailt
Bàs Berlin, 5 dhen Ghearran 1947
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (greim-cridhe)
Foghlam
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, nobhailiche, sgrìobhadair litreachas cloinne, neach-naidheachd agus fèin-bheatha-eachdraiche
Àitichean-obrach Berlin
Ainmeachadh airson duaisean
Gluasad New Objectivity (en) Translate
Gnè ealain nobhail
IMDb nm0266325
fallada.de

Teaghlach agus Bliadhnaichean Tràth

Ged a thogadh Rudolf Ditzen ann an teaghlach meadhanach beairteach, fhuair e àrach a bha doirbh air sàilleabh cho cruaidh 's a bha athair, a bha na àrd breitheamh[1] ri linn Hitler. Bha athair os cionn an taighe-cùirte ann an Leipzig ron an dàrna Chogadh agus cha do chòrd sin ri Rudolf idir.

Ghluais an teaghlach gu Berlin ann an 1899[2] agus an uair sin gu Leipzig ann an 1909, agus 's ann anns an sgoil an siud a mhothaich na tidsearan gur e balach aonranach a bh' ann. Dh’fhàs esan, mean air mhean, na b’ aonaraiche. Ged a bha e na bhall den bhuidheann òigridh Wandervogel fad ùine ghoirid,[3] cha do rinn e càirdeas ri duine sam bith sa bhuidheann.

Chaidh a chur gu sgoil-chòmhnaidh shìos ann an Rudolstadt[4] an dèidh seo, air sgàth 's gun tàinig a phàrantan air litrichean-leannanachd a fhuair am mac o nighean, ged nach ann ach càirdeas eu-domhain a bh' ann. Air an 17 an Dàmhair 1911 dh’ fheuch esan agus a charaid Hanns Dietrich von Necker[5] a chuir às dhaibh fhèin. Dh'fheuch iad a’ toirt a chreidsinn gur e còmhrag-dithis a bh' ann. Cha b' e ach Necker a chaill a bheatha. Chaidh Fallada a leònadh ach mhair e beò. Chaidh a ghlacadh leis a’ phoileas airson murt agus chuireadh gu taigh-caothaich e. Aig a' cheann thall, chuireadh an cèill nach b’ urrainnear ga bhreithneachadh air adhbharan a chuid shlàinte-inntinn agus chaidh a leigeil mu sgaoil.

Bha e airson a dhol dhan arm aig toiseach a’ Chogaidh Mhòir ach dhiùlt na feachdan e leis gu robh e mì-fhreagarrach. Chuir e seachad a’ mhòr-chuid de 1917 gu 1919 ann an ospadalan gu seachd-àraidh ann am Posterstein, oir bha e trom air alcol agus moirfin. 'S ann aig an àm seo a thòisich e ri sgrìobhadh. Cha robh an dà nobhail[6] a sgrìobh e an sin (air an cur an clò le Rowohlt) idir soirbheachail agus chaill an deasaiche Ernst Rowohlt mòran airgid. Cha do rinn pròiseact eile ri Romain Rolland eadar-theangachadh gu Gearmailtis a’ chùis nas motha.[7] Bha e air trèanadh a dhèanamh ann an àiteachas nuair a bha e ann am Posterstein agus le sin b’ urrainn do Fallada tighinn beò air obair an-dràsta 's a-rithist mar rianaire, na neach-cuideachaidh ann am Bòrd an Àiteachais ann an Stettin[8] agus ag obair airson companaidh a bha an sàs ann an gnothaich a’ bhuntàta ann am Berlin.

An dèidh a' Chogaidh

Na b’ fhaide sna 20an chaidh Fallada a dhìteadh dà thuras leis gu robh e ri foill agus maoin-èalaidh airson drogaichean a cheannachd. Ann an 1928, nuair a leigeadh mu sgaoil e airson an dàrna turais, thachair e ri Anna "Suse" Issel ann an Hamburg.[9] Chleachd e i mar mhodail airson a’ charactair Lämmchen,[10] agus phòs iad air an 5 an Giblean 1929 ann an Hamburg. Bha ceathrar chloinne aca ach chaochail fear nuair a bha Suse an saothair agus fear eile na phàiste. 'S ann fad o chèile a dh’ fhuirich iad nuair a bha iad pòsta: ise còmhla ri a màthair ann an Hamburg, esan ann an Neumünster,[11] far an robh obair aige ann an turasachd an dà chuid mar neach-aithris agus mar chlàrc an lùib sanasachd.

Cha d’fhuair Fallada cliù ann an saoghal nan leabhraichean ach aig toiseach na bliadhna 1930. Ghluais Fallada agus a bhean gu iomall Bherlin, aig an toiseach gu Neuenhagen bei Berlin agus an uair sin gu Berkenbrück. 'S e an deasaiche Ernst Rowohlt a thug a’ chomhairle sin dhaibh, an dèidh cho soirbheachail 's a bha an nobhail a sgrìobh Fallada an aghaidh na Poblachd Weimar, Bauern, Bonzen und Bomben (Tuathaich, cinn-fheadhna agus bomaichean).[12] Lorg Rowohlt dreuchd pàirt-ùine airson Fallada anns an taigh-foillseachaidh aige, a chùm gum b’ urrainn do Fallada sgrìobhadh fad an t-siubhail, gun duilgheadasan a thaobh airgid. 'S ann mar sin a sgrìobh e an nobhail Kleiner Mann - was nun? (Dè a-nis, a dhuineachain?), a bha air leth soirbheachail, a thug cliù do Fallada mar sgrìobhadair.[13] Thagh e an t-ainm-pinn Hans Fallada, ga stèidheachadh air dà sgeul a chruinnich na Bràithrean Grimm:[14] Hans tuathal à Hans im Glück (Iain buidhe) each air an robh Falada, a chanadh an fhìrinn a-riamh, fiù’s an dèidh a bhàis, à Die Gänsemagd (Nighean nan Gèadh).

Nàsachd

Chaidh Fallada a chur an làimh ann am Màrt 1933, ri linn nan Nàsach, fo amharas gun robh e an lùib ghnìomhachdan an aghaidh na stàite. Dh' fhàg e an taigh aige ann am Berkenbrück an dèidh sin agus cheannaich e fear eile ann an Carwitz (Mecklenburg-Strelitz).[15] 'S ann an siud a sgrìobh e caochladh nobhail làn geur-bhreithneachadh sòisealta, mar Wer einmal aus dem Blechnapf frißt (Am fear a dh’ aithneachas eucoireach),[16] mu dheidhinn na thachair dha sa phrìosan ann an Neumünster. Dh'fhaodadh e an nobhail a chur an clò fo Hitler air sgàth gur e càineadh an aghaidh làimhseachadh nam prìosanach fon a’ Phoblachd Weimar a bh' ann.

Bu mhiann le Fallada a leantainn air a’ sgrìobhadh fo na Nàsaich, agus le sin b’ fheudar dha rudan aotrom a sgrìobhadh leis cho cumhachdail 's a bha an Reichsschrifttumskammer (Bòrd Litreachas na h-Impireachd). Dh’fheuch e dha chlàradh fhèin airson na Bùird ach cha ghabhadh ris a thagrachas.[17] Nan diùltadh a thagrachas, rachadh a thoirmisgeadh agus chuireadh sin crìoch air a chuid obrach co-dhiù, mar a thachair do chàch.

Dhealaich esan agus a bhean air 5 an t-Iuchar 1944.[18] Na b’ fhaide sa bhliadhna, air 24 an Lùnastal, chaidh Fallada a chur an grèim a-rithist as dèidh trod is sabaid leis a' bhean. Chuireadh gu taigh-caothaich ann an Neustrelitz eadar 4 an t-Sultain 1944 gu 13 an Dùbhlachd 1944 leis nach fhaodadh ga bhreithneachadh. 'S ann an siud a sgrìobh e Der Trinker agus rud neo dhà eile.[19] Anns a’ Ghearran 1945, phòs e Ursula Losch, a bha faisg air 30 bliadhna na b’ òige na esan agus a bha a cheart cho trom air deoch làidir na an duine ùr aice. Ann an 1945, chaidh e ainmeachadh Probhaist Feldberg,[20] faisg air Carwitz leis an Arm Dearg a bha airson duine air choireigin nach robh an sàs leis na Nàsaich a chur ann, ach cha do mhair e ach greis san obair chruaidh sin. An uair sin ghluais esan agus a bhean gu Berlin, far an robh e an lùib anns a’ phàipear-naidheachd Tägliche Rundschau.

Chuir am bàrd Johannes R. Becher, a bha os cionn Akademie der Künste agus Tägliche Rundschau fo na Sobhiataich, faidhlichean na Gestapo mu dheidhinn na Hempel gu Fallada as t-fhoghar 1945.[21] Bha iad a’ sireadh sgeulachdan a shealladh dha na daoine gu robh feadhainn ann a shabaid an aghaidh nan Nàsach. Chòrd an stòiridh ri Fallada agus sgrìobh e a’ chiad leabhar mu dheidhinn nan Nàsach, Jeder Stirbt für sich allein.[22] 'S e an leabhar as ainmeile a sgrìobh Fallada na bheatha. Thathar dhen bheachd gur e seo an sealladh as soilleire agus as pongaile mu na làithean dona fo bhuaidh Hitler a chaidh a sgrìobh a-riamh. Chaidh an leabhar a sgrìobhadh ann an 24 latha ann an 1946. Chaochail Fallada air 5 an Gearran 1947 beagan sheachdain mus do chuireadh an leabhar mu dheireadh aige ann an clò. Chaidh a chuid dhuslaich a losgadh air 28 an Gearran 1947 aig an luaithreachan ann am Wedding, faisg air Berlin[23]

Leabhraichean

  • Der junge Goedeschal. 1920.
  • Anton und Gerda. 1923.
  • Bauern, Bonzen und Bomben 1931.
  • Kleiner Mann – was nun? 1932.
  • Wer einmal aus dem Blechnapf frißt. 1934.
  • Wir hatten mal ein Kind. 1934.
  • Märchen vom Stadtschreiber, der aufs Land flog. 1935.
  • Altes Herz geht auf die Reise. 1936.
  • Hoppelpoppel – wo bist du?. 1936, (sgeulachdan cloinne).
  • Wolf unter Wölfen. Rowohlt Verlag Berlin 1937.
  • Geschichten aus der Murkelei. 1938, (Sgeulachdan).
  • Der eiserne Gustav. 1938.
  • Süßmilch spricht. 1938.
  • Kleiner Mann, Großer Mann – alles vertauscht oder Max Schreyvogels Last und Lust des Geldes. 1939.
  • Süßmilch spricht. Ein Abenteuer von Murr und Maxe. 1939.
  • Der ungeliebte Mann. 1940.
  • Die Stunde, eh’ du schlafen gehst. 1941.
  • Das Abenteuer des Werner Quabs. 1941, (Sgeulachdan).
  • Damals bei uns daheim. 1942, (Cuimhneachan).
  • Heute bei uns zu Haus. 1943, (Cuimhneachan).
  • Fridolin, der freche Dachs. A' chiad deasachadh 1955, (sgrìobhte ann an 1944), ISBN 9783746628523,
  • Jeder stirbt für sich allein. 1. deas. 1947; 12. deas. Berlin 2011, ISBN 9783351033491,
  • Der Trinker. 1.deas. 1950, (sgrìobhte ann an 1944), Berlin 2011, ISBN 978-3-7466-2791-5.
  • Ein Mann will nach oben. 1953
  • Gesammelte Erzählungen. Braunschweig 1967.
  • Ausgewählte Werke in Einzelausgaben. bho 1962 a-mach, (10 leabhraichean).
  • Heute bei uns zu Haus. 1992.
  • Frühe Prosa in zwei Bänden. Berlin 1993.
  • Der junge Herr von Strammin.
  • Drei Jahre kein Mensch. Erlebtes Erfahrenes Erfundenes. 1. deas.1997.
  • Strafgefangener Zelle 32. Tagebuch 22. Juni – 2. September 1924. 1. deas., Berlin 1998.
  • Gefängnistagebuch 1944. 1. deas. 2009, (sgrìobhte ann an 1944), 1. deas. Hrsg.: Jenny Williams und Sabine Lange, Berlin 2009, ISBN 3351028008 [24].
  • Hans Fallada: Pechvogel und Glückskind : ein Märchen für Kinder und Liebende. Graphik Werner Schinko. Hrsg. Gunnar Müller-Waldeck, Verlag Federchen, Neubrandenburg 2010, ISBN 978-3-941683-02-0

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Graal-Müritz
  2. Hans Fallada
  3. Collège Sévigné
  4. Mearachd teamplaide: Tha am paramadair tiotal a dhìth. 
  5. Cooney, Sam. 2011. 'Hans Fallada and being outside when everyone else is inside', Southerly Journal.
  6. Der Spiegel
  7. Et Puis Après
  8. Greifswald
  9. Frankfurter Rundschau
  10. Hausarbeiten
  11. Stadt Neumünster
  12. Rowohlt
  13. Dieter Wunderlich
  14. Der Spiegel
  15. Hans Fallada-Gesellschaft
  16. Steffi-Line
  17. Literaturkritik
  18. Münzner-Hiddensee
  19. Luise Berlin
  20. Fallada
  21. Das Blättchen
  22. Dieter Wunderlich
  23. Berliner Zeitung
  24. Beachdachadh air Spiegel -online
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.