Hallands län
'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Hallands län (Suomais: Hallandin lääni). Tha i na laighe ri taobh na Kattegat, ann am ceann a deas na dùthcha, gu deas air Västra Götalands län. 'S e Halmstad a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1719. Sìnidh Hallands län fad 5,454 km² agus tha 314,784 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 19mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 7mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 6 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Halmstad agus Varberg nam measg.
Hallands län
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Prìomh-bhaile | Halmstad | ||||
Stèidhichte | 1719 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 5,454 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 314,784 (2015) | ||||
Dlùths | 57.72/km² | ||||
Àireamh fòn | + (46) 03 | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
Freumhan an ainm
Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à sal (Gàidhlig: talla) ann an Suainis a tha an t-ainm.[2]
Eachdraidh
B' e Caspar Otto Sperling a' chiad riaghladair nan roinne.[3]
Daoine ainmeil
- Vera Schmiterlöw (1904 - 1987) Actair.
- Carl Bildt (1949): Neach-poileataigs.
- Per Gessle (1959) Ceòladair.[4]