Hòmair
ʼS e Hòmair (Greugais: Όμηρος, Beurla: Homer) am bàrd Greugach a sgrìobh na dàin mhòra Iliáda agus Odýsseia. Chan eil mòran fiosrachaidh againn mʼ a dheidhinn - no fiù ʼs an robh an duine ann idir, oir tha feadhainn den bheachd gur e buidheann de dhaoine a sgrìobh na dàin sin. Tha feadhainn eile den bheachd gur e boireannach a bhʼ ann. A rèir seann-sgeul ʼs e bàrd dall a bhʼ ann a bha a' fuireach ann an Ionia. Thathar aʼ creidsinn gun robh e beò mu 800 R.Ch.[1][2]
Hòmair | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Ainm slàn | Ὅμηρος |
Breith | unknown value, linn IX BCE |
Dùthaich | Ionian League |
Cinneadh | Grèigich |
Ciad chànan | Seann-Ghrèigis |
Bàs |
Ios (en) ![]() |
Foghlam | |
Cànain | Seann-Ghrèigis |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd, ùghdar agus sgrìobhadair |
Obraichean comharraichte |
Iliad (en) ![]() Odyssey (en) ![]() Homeric epics (en) ![]() |
Gnè ealain | euchd-dhàn |
IMDb | nm0392955 |
Dh'eadar-theangaich Iain MacIllEathain à Ratharsair eadar-theangachadh an Odusseia gu Gàidhlig nuair a leig e a dhreuchd dheth ann an 1966. Dh'fhoillsich Gairm e, mar "Odusseia Homair", ann an 1976.[3]
Iomraidhean
- Wilson, Nigel (2013): Encyclopedia of Ancient Greece. Routledge. ISBN 9781136788000. Air a thogail 22mh dhen t-Samhain 2016.
- Romilly, Jacqueline de (): A Short History of Greek Literature (en). University of Chicago Press. ISBN 9780226143125. Air a thogail 22mh dhen t-Samhain 2016.
- “Bliadhna nan Òran - Òrain - Sgrìobhaichean, Iain MacIllEathain”. Air a thogail 20mh dhen t-Samhain 2017.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.