Guatamala

'S e dùthaich ann an Aimearaga Mheadhanach a tha ann an Guatamala no Guatemala [1], (Ainm oifigeil: Poblachd Ghuatamala, Spàinntis: República de Guatemala, IPA: re'puβlika ðe ɣwate'mala). Tha crìochan aice le Meagsago agus le Beilise san taobh tuath agus le Hondùras agus El Salbhador san taobh a deas. Tha an Cuan Sèimh san iar air Guatamala agus a' Mhuir Chairibianach san taobh an ear dhith. Tha Guatamala cliùiteach airson na togalaichean arc-eòlais às a' bhliadhna 1000 RC.

Eachdraidh

Chaidh Sìobhaltas nam Maya a stèidheachadh mu 900 RC timcheall air tuineachaidhean a bha nam bailtean beaga aig an àm sin, mar Tikal, El Mirador agus Nak'be.[2]

Chaidh Guatamala na cholonaidh na Spàinne ann an 1523 agus fhuair e neo-eisimeileachd ann an 1821, an-sin na phàirt den Ìmpireachd Mheagsago agus an-sin na mhòr-roinn anns na Mòr-roinnean Aonaichte còmhla ri Costa Rica, El Salbhador, Honduras agus Nicaragua. Fhuair e neo-eisimeileachd a-rithist ann an 1839.[3] Chuireadh às do thràilleachd an seo ann an 1824.[4]

Gailearaidh

Iomraidhean

  1. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. Maya Area, 1000 B.C.–1 A.D.”. Heilbrunn Timeline of Art History. Metropolitan Museum of Art. Air a thogail 28mh dhen t-Samhain 2023.
  3. Guatemala profile - Timeline”, BBC News. 19mh dhen Iuchar 2019. Air a thogail 28mh dhen t-Samhain 2023. 
  4. UNICEF
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.