Guasca

'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann Guasca. Tha e suidhichte 48km air falbh bho Bhogotá, ann an sgìre ris an canar na Tìrean Còmhnard Meadhanach (Spàinntis: Sabana Centro), faisge air Zipaquirá anns na na h-Andes. 'S e baile le gnàth-shìde fhuar a th' ann le teodhachd meadhanach dhe 13˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1600.

Freumhan an Ainm

Sgrìobh am manach Bernardo Lugo ann an 1616 gur e ainm Muisca a bh' ann Guasca. Tha am facal a’ ciallachadh baile aig bun a’ cnuic, bho gua (cnoc).[3]

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 12,442 nan tàmh anns a' bhaile, tha a' mhòr-chuid, 8,442 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, 's e pàtran àireimh-sluaigh traidiseanta a th' ann.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Guasca (is mòran dhuibh mestizos). Chan eil Tùsanaich ann, ach tha 0.6 % dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 93.3% dhe na daoine ann an Guasca leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 35.7% dhe na dachannan.[6]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Guasca. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine ainmeil

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fray Bernardo LugoTeamplaid:Fix/category
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.