Grigory Zinoviev
B' e cleasaiche, rèabhlaideach, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach Ucràineach/Sobhiatach a ghabhadh ri co-mhaoineas agus stalineachd a bh' ann an Grigory Yevseyevich Zinoviev air neo Ovsei-Gershon Aronovich Radomyslsky (Fìor ainm: Hirsch Apfelbaum, Ucràinis: Зінов'єв Григорій Овсійович, Kropyvnytskyi, 23 an t-Sultain 1883 - Mosgo, 25 an Lùnasdal 1936).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Iùdhach agus cha d' fhuair e ach am foghlam a ghabhadh e aig an taigh, ged a leughadh e feallsanachd, eachdraidh agus litreachas. Seann Bholshevik, bha e uabhasach fhèin dlùth air Vladimir Lenin. Chuir e seachad trì bliadhna thall san Eilbheis agus thill e dhan Ruis ann an aon trèana na Lenin fhèin. An dèidh na rèabhlaide bha e na chathraiche air an t-Sobhiet ann an Leningrad agus na Comintern. Chanadh Zinovievsk ri Kropyvnytskyi, am baile aige fhèin, bho 1924 gu ruige 1934, mar urram airsan. An dèidh bàs Lenin, b' e Zinoviev, Stalin agus Lev Kamaniev a riagladh na dùthcha gus an deach Stalin a-mach air Zinoviev agus Kamaniev. Chuir an NKVD Zinoviev gu bàs sa phrìosan ri linn na Purgadaireachd Stalin.[2]
Grigory Zinoviev | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||||
10 dhen Dàmhair 1917 (Julian) - 23 dhen Dàmhair 1917 (Julian)
25 dhen Mhàrt 1919 - 16 dhen Mhàrt 1921
16 dhen Mhàrt 1921 - 23 dhen Iuchar 1926 | |||||||||
Beatha | |||||||||
Ainm slàn | Овсей-Гершон Аронович Радомысльский | ||||||||
Breith | Kropyvnytskyi, 11 dhen t-Sultain 1883 (Julian) | ||||||||
Dùthaich |
Impireachd na Ruise ![]() | ||||||||
Bàs | Moscobha, 25 dhen Lùnastal 1936 | ||||||||
Àite-adhlacaidh | cladh Donskoe | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis (leòn peileir) | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Cèile |
Zlata Lilina (en) ![]() Sarra Ravich (en) ![]() | ||||||||
Foghlam | |||||||||
Foghlam | Oilthigh Bern | ||||||||
Cànain | Ruisis | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | actair agus neach-poileataigs | ||||||||
Com-pàirtiche
| |||||||||
Àitichean-obrach | An t-Aonadh Sobhiatach | ||||||||
Fastaichean |
Oilthigh Feadarail Kazan Communist International (en) ![]() Lensovet (en) ![]() Petrograd Soviet (en) ![]() Kommunist (en) ![]() | ||||||||
Creideamh | |||||||||
Pàrtaidh poileataigeach |
Pàrtaidh Comannach an Aonaidh Shobhiataich Pàrtaidh Làbarach Deamocratach Sòisealach na Ruise Pàrtaidh Làbarach Deamocratach Sòisealach (Bolshevik) na Ruise |