Greta Garbo
B' e actair nam film às an t-Suain a bh' ann an Greta Garbo air neo Greta Lovisa Gustafson (IPA: gre:ˈta lʊˈvi:ˈsa ˈgɵstafˈsɔn, Stockholm, 18 an t-Sultain 1905 - Eabhraig Nuadh, 15 an Giblean 1990).[1] B' e nighean Anna Lovisa agus Karl Alfred Gustafsson a bh' innte. B' e daoine gu math bochd a bh' annta: bha a h-athair na neach-obrach is bha a màthair ag obair ann an taigh-ghnìomhachais. Chuir an teaghlach seachad bliadhnaichean a' fuireach còmhla ann am flat beag suarach aig Blekingegatan 32, ann an ceann a deas Stockholm. Bha Garbo caran fiata diùid. Cha do chòrd an sgoil rithe idir. Chaochail a piuthar Alva Maria ann an 1926 nuair a bha Garbo dìreach 21. Bha bràthair aice cuideachd, a chaochail ann an 1967.
Greta Garbo | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Greta Lovisa Gustafsson |
Breith | Katarina church parish (en) , 18 dhen t-Sultain 1905 |
Dùthaich |
An t-Suain Na Stàitean Aonaichte (9 dhen Ghearran 1951 - |
Bàs | Eabhraig Nuadh, 15 dhen Ghiblean 1990 |
Àite-adhlacaidh | Skogskyrkogården (en) |
Nàdar a’ bhàis |
adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe fàilligeadh nan dubhan) |
Teaghlach | |
Athair | Karl Alfred Gustafsson |
Màthair | Anna Lovisa Johansdotter |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Dramatens elevskola (en) (1922 - 1924) |
Cànain |
Beurla Suainis |
Dreuchd | |
Dreuchd | actair, actair film agus actair àrd-ùrlair |
Àitichean-obrach | Hollywood (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Buaidh | Henry G. Bieler (en) |
Creideamh | |
Creideamh | Lutharanachd |
IMDb | nm0001256 |
gretagarbo.com | |
Chuir Garbo seachad na bliadhnaichean bho 1922 gu ruige 1924 na oileanach san Kungliga Dramatiska Teatern (air neo dìreach Dramaten), còmhla ri Vera Schmiterlöw.[2] Bha an dithis nan deagh charaidean fad am beatha. An dèidh na Sgoile Dhràma fhàgail rinn a' chiad fhilm aice, Gösta Berlings saga, stèidhichte air an nobhail a sgrìobh Selma Lagerlöf.[3] Chaidh i chun na Gearmailt far an robh i fad bliadhna. Dh' fhilmich i Die freudlose Gasse an suid.[4] Dh' fhàg ise an Roinn-Eòrpa airson nan Stàitean Aonaichte, far an robh gus a bhàsaich i. Bha i uabhasach fhèin soirbheachail anns na filmichean gun ghuth. Aig àm a' Chogaidh chuidich i ri beatha nan Iùdhach san Danmhairg a shàbhaladh.[5]
Filmichean
Ceanglaichean a-muigh
Iomraidhean
- IMDB
- Sveriges Radio
- Svensk Filmdatbas
- Filmportal Deutschland
- Brett, D., (2013), Greta Garbo: Divine Star, Lunnainn, Robson Press.